Iomagain mu iasgach ri linn a' Choròna-Bhìorais

Bàta-iasgaich Image copyright Getty Images

Le taighean-bìdhe a' dùnadh is margaidhean èisg na Roinn Eòrpa a' sgur a ghabhail èisg à Alba, tha rabhadh bho iasgairean anns na h-eileanan gum feum iad cùl a chur ris a' ghnìomachas mura faigh iad taic tro staing a' Choròna-Bhìorais.

Tha iasgairean air taic iarraidh bhon Riaghaltas airson bàtaichean a chumail aig muir agus bha na h-uimhir de dhòchas ann nuair a thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail an Alba, Fearghas Ewing, gun robh iad ag obair air pasgan de thaic-airgid a thoirt don iasgach, a' toirt a-steach iasgairean clèibh.

Iasadan

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt ceannard na companaidh giollachd Barratlantic, Dòmhnall Eòsaph MacIllEathain, gu bheil cùisean fìor dhuilich dhan ghnìomhachas, eadar droch shìde bho thoiseach na bliadhna, agus a-nise margaidhean na Roinn Eòrpa air dùnadh.

Thuirt e gu bheil cuid de bhàtaichean fhathast aig muir, ach nach eil fios dè cho fada 's a mhaireas sin mura h-eil daoine a' dol ga cheannach.

"Feumaidh an Riaghaltas taic a thoirt dhaibh, tha sgothan air an taobh an iar a' crochadh air an iasgach agus tha iasadan mòra aca agus teaghlaichean ri chumail.

"Feumaidh an Riaghaltas cuideachadh a thoirt dhaibh, tha iad a' toirt cuideachaidh do dhaoine anns an roinn phoblaich agus feumaidh iad an aon rud a dhèanamh dhan fheadhainn san roinn phriobhaidich," thuirt e.

Luchd-giollachd

Tha e cudromach gu bheil sgothan fhathast a' dol gu muir thuirt Mgr MacIllEathain, leis gu bheil iad nan gnìomhachas a tha a' cur bìdh air a' bhòrd dhan t-sluagh.

"Mura faigh iad taic bhon Riaghaltas tron staing a tha seo, cha bhi iasgairean air fhàgail agus cha bhi luchd-giollachd ann an Alba no ann an Sasainn," thuirt e.

Chan eil maorach daor mar mhuasgain-chaola no chreachainn gan reic thall thairis leis nach eil na taighean-bìdhe a' ceannach air sàilleabh 's gu bheil iad dùinte, 's tha sin a' toirt buaidh mhòir air a' ghnìomhachas.