Atharrachadh air cruth tiodhlacaidhean ri linn a' Choròna-bhìorais

Steòrnabhagh

Thuirt a' chompanaidh tiodhlacaidh Archibald Macrae ann an Steòrnabhagh gum bi aca ri atharrachadh a thoirt air cruth tiodhlacaidhean rè ùine ri linn a Choròna-Bhìorais.

Cha bhi tuilleadh togail ann às dèidh seirbheis, le imreachadh ann le ciste.

Cha bhi iad a bharrachd a' cur chistichean dhan taigh no dhan eaglais, agus iad gan toirt gu dìreach dhan a' chladh fhèin.

Tha iad air na ceumannan seo a ghabhail airson a' choimhearsnachd agus an luchd-obrach aca a dhìon, thuirt iad.

Bainnsean

Dhearbh an Eaglais Chaitligeach, coltach ri mòran eaglaisean eile, nach bi na seirbheisean aca-san a' leantainn mar is àbhaist aig an àm sa.

Cha bhi iad a' cumail aifrean poblach Didòmhnaich ach thèid eaglaisean a chumail fosgailte do dhaoine tha airson a dhol annta a dh'ùrnaidh.

Tha dòchas ann ge-tà gum faigh sagairtean a-mach a choinneachadh ri daoine fhathast.

Dh'fhoillsich iad fhèin is Eaglais na h-Alba comhairle do dhaoine tiodhlaicaidhean a sheachnadh mur a b'e tiodhlacadh teaghlaich a bh'ann, a dh'aona-ghnothach airson stad a chur air Covid 19 bho bhith a' sgapadh.

A thaobh bhainnsean, chaidh iarraidh air eaglaisean gun uimhir de phòsaidhean a làimhseachadh agus 's dòcha iarraidh air daoine an leithid a chur dheth aig an àm a tha seo.

A' Chàisg

Thàinig comhairle oifigeil bhon riaghaltas nach bu choir tachartasan le còrr is 500 duine a bhith gabhail àite bho Dhiluain sa chaidh, seirbhisean eaglais nam measg.

Bheir an casg seo buaidh air seirbheisean na Càisge cuideachd.

Thuirt stiùrichean bho na h-eaglaisean gun e co-dhùnaidhean doirbh a bha seo agus gun cùm iad orra ag ùrnaigh airson an fheadhainn a tha a' fuiling.