Seirbhisean dìon ag ullachadh taic a thaobh a' Choròna-Bhìorais
- Air fhoillseachadh

Tha suas ri 20,000 neach bho na seirbheisean dìon gan deiseileachadh 'son a dhol an sàs air eagal 's gu bheil iad a dhìth san iomairt 'son dèiligeadh ris a' Choròna-Bhìoras.
Tha Ministearalachd an Dìon a' dùblachadh na th' aca de dhaoine a bhios deiseil airson na Poilis is seirbheisean slàinte a chuideachadh.
Tha an-còmhnaidh na mìltean shaighdearan is luchd-obrach eile bho na seirbheisean dìon deiseil na Poilis is seirbheisean eile a chuideachadh ann an suidheachaidhean èiginn.
Deiseil
Tha iad a-nise ag ràdh gu bheil iad gus am feachd a tha sin a dhùblachadh gu 20,000 duine.
Thuirt an MOD nach eil iad ach ag ullachadh mu choinneimh an t-suidheachaidh a th' ann, is nach deach iarraidh orra saighdearan a chur air na sràidean.
Ach bidh iad deiseil airosn na Poilis, na serbheisean slàinte agus seribheis nam prìosan is eile a chuideachadh.
Mar tha, tha trèanadh ga thoirt do chòrr is 100 saighdear gus tancairean ocsaidean a dhràibheadh gu ospadalan, ma tha feum air.
Tha gu leòr de dhotairean is nursaichean bho na seirbheisean dìon mar thà ag obair gus an NHS a chuideachadh.
Tha 227 cùis dhearbhte den ChorònaBbhìoras ann an Alba.