cnes
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Buidseat nan Eilean Siar

27 An Gearran 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

B'e an-diugh latha nam buidseatan agus mar a bha dùil chaidh buidseat na h-Alba troimhe ann am prionnsabal aig Holyrood le ceithear fichead sa còig deug millean not a bharrachd ga thabhainn do chomhairlean ionadail.

Ach bha a mhì-chinnt timcheall air a seo agus buidseat na Rìoghachd Aonaichte a cur ris an uallach a bha air comhairlichean 's na h-Eileanan an Iar sa mhadainn.

A-rèir oifigearan b'e seo aon de na buidseatan as dorra a tha air a bhith ann dha Comhairle nan Eilean Siar.

Le beàrn de £4.4m not chaidh co-dhùnadh gearraidhean a dheànamh agus àrdachadh cìs na comhairle. Tha sgeulachd an latha aig Ruairidh Rothach