SkyeBeds
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Coinneamhan mu leapannan cùraim

14 An Gearran 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thèid sreath choinneamhan a chumail san Eilean Sgitheanach thairis air an ath dhà mhìos, feuch a bheil dòigh ann air leapannan-cùraim a chur air dòigh san eilean fhèin, agus cuid de sheann daoine air an cur gu dachaighean-cùraim cho fada air falbh ris an Aghaidh Mhòir.

Tha an NHS air gealltainn sia leapannan a bharrachd fhosgladh aig Ospadal Phort Rìgh an ath-mhìos, ach tha strì ann airson tòrr mòr a bharrachd ann an ceann a tuath an eilein.

Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid.