Stoirm Dennis a' toirt buaidh

stuadhan Image copyright Gerald Mac a' Phearsain
Image caption Bha stuadhan mòra rim faicinn air bàta-aiseig an MV Hebrides nas tràithe Dihaoine.

Tha CalMac air rabhadh a sgaoileadh do dhuine sam bith a tha an duil seòladh air an lionra aca thairis air an deireadh sheachdain.

Le Stoirm Dennis air fàire, tha a' chompanaidh aiseig ag ràdh gum faodadh troimhe chèile a bhith air gach seirbheis a tha iad a ruith.

Tha grunn sheirbhisean mar tha air an cuir dheth no air an atharrachadh, le oiteagan gaoithe nas luaithe na 70 mile san uair air fàire ri linn stoirm Dennis.

Rabhadh orains

Thuirt Ceannard ChalMac Raibeart Moireasdan gum faodadh seo buaidh a thoirt air a h-uile gin dha na 28 seirbheisean a tha iad a' toirt seachad.

Tha Oifis na Sìde air rabhadh orains a sgaoileadh airson Disathairne is Latha na Sàbaid.

Thug Comhairle nan Eilean Siar rabhadh seachad cuideachd gum faodadh gun dùin iad Rathad a' Bhràighe oidhche Haoine aig muir-làn, 1103f, madainn a-màireach aig 11.27m, agus 00:13m Didòmhnaich, 's gu faodadh e bhith dùinte suas ri 2 uair a thìde timcheall an àm sin.

Tha iad a' comhairleachadh sùil a chumail a-mach airson fiosrachadh bho na poilis air @WIslesPolice.

Dh'fhaodadh uisge agus aiteamh trioblaidean adhbhrachadh ann an sgìrean a th'air gu leòr droch shìde fhaicinn mar-thà an t-seachdain seo.