Seann shagart fo 18 casaidean

Seann sgoil Abaid Chille Chuimein
Image caption 'S e manaich Bhenedictine a bha a' ruith Sgoil Abaid Chille Chuimein fad bhliadhnaichean.

Chaidh 18 casaidean a chur às leth sheann shagairt a bha ag obair ann an sgoiltean air a' Ghàidhealtachd agus Lodainn an Ear anns na 1950an agus 1980an.

Tha Rabairt MacCoinnich, 87, à Cupar, Saskatchewan ann an Canada fo amharas gun robh e toirt ionnsaighean drabasta agus ionnsaighean fiosaigeach.

Thathar a' fàgail air gun tug e na h-ionnsaighean ann an seann Sgoil Abaid Chille Chuimein agus sgoil ann am Bearaig a Tuath.

Cha do rinn Mgr MacCoinnich tagradh sam bith nuair a nochd e gu prìobhaideach ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis.

Chaidh a chumail an grèim agus thèid barrachd rannsachaidh a dhèanamh air a' chùis.

Chaidh Mgr MacCoinnich a thoirt à Canada 'son a dhol air beulaibh na cùirte an Alba nas tràithe air a' mhìos.