Colla às aonais seirbheis adhair chun a' Ghiblein

Itealan
Image caption 'Se Hebridean Air a tha toirt seachad seirbheis adhair a Cholla às an Òban.

Cha bhi seirbheisean adhair Hebridean Air a' frithealadh Eilean Cholla chun a' Ghiblein le eus-aonta a thaobh luchd-obrach sàbhailteachd aig an raoin-laighe.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air uallach airson sàbhailteachd aig port-adhair an eilein a ghabhail thairis bho Sheirbheis Smàlaidh na h-Alba.

Ach roghnaich a' chomhairle dreuchd Cò-òrdanaiche Sàbhailteachd a ghearradh, agus chuir sin cais air an luchd-obrach ionadail.

Sàbhailteachd

Chaidh an t-seirbheis adhair a chur dheth an t-seachdain 's a chaidh gu h-obann leis gun robh a' chomhairle a' saoiltinn gum biodh Seirbheis Smàlaidh na h-Alba a' toirt seachad na seirbheis gus an tigeadh a' chomhairle agus luchd-obrach gu rèite.

Ach cha b' e sin a thachair.

A-rèir comhairliche An Òbain agus nan Eilean, Roddy MacCumhais, chan eil feum air dreuchd a' Chò-òrdanaiche 'son a bhith a' ruith sheirbheisean a' phuirt-adhair.

"Ma 's e is gun robh an obair seo deatamach, cha bhiodh a' Chomhairle air a gearradh."

Cunnart

"Ma tha cunnart sam bith ann a thaobh sàbhailteachd, bhiodh sin na uallach mòr. 'S e mo thuigse nach eil cunnart sam bith ann a thaobh sàbhailteachd ann a bhith gearradh na h-obrach seo.

"Aig an ìre-sa, tha sinn ann an còmhraidhean feuch an tèid againn air na seirbheisean adhair seo a chumail a' dol.

"Tha mi a' tuigsinn carson a chuir Hebridean Air stad orra ri linn nach eil luchd-obrach smàlaidh an làthair ach 's e mo thuigse gu bheil a' chomhairle a' bruidhinn ri Seirbheis Smàlaidh na h-Alba feuch an tèid againn air an t-seirbheis adhair a chumail a' dol.

"Tha e a' cur iognadh orm gu bheil iad air na seirbheisean a chur dheth chun a' Ghiblein agus tha e na bhristeadh-dùil," thuirt e.