Seirbheisean cùraim a dhìth fhathast san Eilean Sgitheanach

Flòdigearraidh
Image caption Tha luchd-iomairt airson barrachd leapannan-cùraim a stèidheachadh an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich

Thòisich sreath choinneamhan ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich ag amas gu sònraichte air leapannan-cùraim a stèidheachadh - gu h-àraidh do sheann daoine a tha feumach orra.

Fhuair muinntir a' Chinn a Tuath gealltanas an-uiridh gun deadh Ospadal Phort Rìgh a chumail fosgailte, ach chuala na bha an làthair aig a' chiad choinneamh oidhche Ardaoin gu robh piseach mòr a dhìth fhathast air seirbheisean slàinte is cùraim san Eilean air diofar dhòighean.

Tha e na adhbhar dragh do luchd-iomairt a tha a' strì airson seirbheisean slàinte nas fhèarr san Eilean Sgitheanach gu bheil cuid de sheann daoine a' dol gu dachaighean-cùraim air tìr-mòr leis nach eil goireasan gu leòr dhaibh nas fhaisge air an taigh.

Tha grunn dhachaighean-cùraim sa cheann a tuath den Eilean air dùnadh

Image caption Chuala coinneamh gu bheil piseach mòr a dhìth air seirbheisean cùraim agus slàinte do sheann daoine gu h-àraid

Tha Myra NicLeòid bhon bhuidheann-strì NHSSOS ag ràdh gu bheil iad air faisg air 50 leabaidh-cùraim a chall.

"An-dràsta tha aig feadhainn aca bho air feadh an eilein ri falbh dhan Aghaidh Mhòir agus a dh'Allt Beithe.

"Chan eil leapannan san àite far am faigh càirdean tadhal orra.

"Tha NHS na Gàidhealtachd ag iarraidh oirnn measadh a dhèanamh air na diofar roghainnean a' coimhead air dè na seirbheisean a bhios againn a' dol air adhart.

"Tha sinn ag iarraidh air daoine a bhith a' coimhead às dèidh dhaoine nas fhaisge air an taigh aca fhèin."

Image caption Rinneadh strì mhòr airson Ospadal Phort Rìgh a chumail fosgailte

Rinn an luchd-iomairt strì làidir airson Ospadal Phort Rìgh a chumail fosgailte an dèidh mar a rinn NHS na Gàidhealtachd crathadh mòr air seirbheisean slàinte.

Shoirbhich leotha ach tha Myra NicLeòid ag ràdh nach d' fhuair iad fhathast na chaidh a ghealltainn dhaibh.

"Thuirt iad rinn bho chionn faisg air dà bhliadhna gun toireadh iad dhuinn 12 leabaidh agus chan eil sin air tachairt fhathast.

"Tha iad a-nis ag ràdh gum bi na 12 leabaidh fosgailte aig toiseach a' Mhàirt agus bhiodh sin sgoinneil nam biodh daoine nas fhaisge air an càirdean," thuirt i.

Bidh dà choinneimh eile san sgìre thairis air na beagann sheachdainnean air thoiseach a' sireadh beachd an t-sluaigh agus an nuair sin bidh trì choinneamhan a bharrachd ann a' measadh nan roghainnean as motha a tha a' còrdadh riutha.