Urras na Pàirce 'son sealbh fhaighinn air an togalach aca

Sgire na Pàirce

Tha muinntir sgire na Pàirce ann an Leòdhas ceum nas fhaisge air sealbh a ghabhail air togalach cudromach san sgìre.

Tha oifis aig buidheann leasachaidh na sgìre, Urras na Pàirce, anns an ionad ann an Ceirsiadair agus tha an cròileagan agus buidhnean ionadail eile ga chleachdadh.

Tha iad a' cleachdadh Achd Cumhachdachaidh nan Coimhearsnachdan airson an togalach a chur fo smachd na coimhearsnachd.

Tha fear de stiùirichean Urras na Pàirce, Aonghas MacNeacail, ag ràdh gu bheil e dòchasach mun iarrtas aca.

"Tha e a' toirt cothrom àite a bhith againn anns a' choimhearsnachd agus tha fios againn gum faod sinn a chleachdadh mar a tha sinn ag iarraidh," thuirt e.

"Aig an àm seo, san leis a' Chomhairle a tha an togalach.

"Chan eil càil as urrainn dhuinn a dhèanamh ma tha a' Chomhairle airson na rùmanan a tha falamh san togalach a thabhainn a-mach do dhaoine eile agus cha bhiodh àite coinneimh againn.

"Chuir sinn a-steach iarrtas dhan Chomhairle fhèin mu mhìos air ais a' cantainn gun robh ùidh againn ann an sealbh a ghabhail thairis air an togalach seo.

"Tha sinn air faighinn a-mach anns na làithean a chaidh seachad gu bheil iad toilichte leis na thuirt sinn anns an iarrtas," thuirt e.

Rinn Mgr MacNeacail moladh cuideachd air Achd Cumhachdachaidh nan Coimhearsnachdan a thathas an dùil a chleachdadh gus sealbh fhaighinn air an togalach.

"An rud a tha cho math mu dhèidhinn na h-Achd seo, gu bheil sinn a' faighinn cothrom an rud a cheannachd aig prìs nas ìsle na bhiodh aig buidhnean eile air a' mhargaid."