Kettlewell ag iarraidh barrachd air an rathad

Tadhal Image copyright SNS
Image caption Christian Doidge a' cur Hibs 2-0 air thoiseach.

Thuirt co-mhanaidsear Ross County gum feum an sgioba piseach a thoirt air mar a tha iad a' dèanamh ann an geamaichean air falbh bhon taigh eadar seo is deireadh an t-seusain.

Bha Stiùbhart Kettlewell mì-thoilichte is na Staggies air call 3-0 ri Hibs ann an Dùn Èideann oidhche Chiadain.

Thòisich Hibs gu làidir is Marc McNulty gan cur air thoiseach às dèidh seachd mionaidean.

Thàinig an dàrna tadhal bho Christian Doidge ro leathach-slighe, is chuir Adam Jackson crìoch air cùisean anns na mionaidean mu dheireadh.

Buille

Ron sin, bha Nathan Baxter eadar na puist aig County air stad a chur air breab-peanais bho McNulty.

Thuirt Kettlewell gur e briseadh-dùil a bh' ann às dèidh do Chounty a' chùis a dhèanamh air Baile Dhùnleibhe ann an Inbhir Pheofharain an t-seachdain seo chaidh.

"Chluich sinn cho math aig an taigh an là roimhe is bha sinn airson togail air sin. Ach bha sinn fada ro fhosgailte a-nochd agus tron gheama air fad.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Droch oidhche do Chounty ann an Dùn Èideann.

"Thug sinn cus rùm do Hibs agus tha cluicheadairean aca a ghabhas brath air suidheachaidhean mar sin. 'S e sin a rinn iad uair is uair," thuirt Kettlewell.

Dh'innis e gu bheil e fhèin is Steafan Fearghasdan a' sùileachadh tòrr a bharrachd bho gheamaichean air an rathad anns na seachdainean ri tighinn.

"Tha sinn dìreach air innse dha na balaich gum feum iad a bhith nas fheàrr ann an geamaichean air falbh bhon taigh.

Dùbhlan

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach eil e furasta do sgiobaidhean cluich nar n-aghaidh.

"Tha 12 gheama air fhàgail. Tha sinn air a bhith an ìre mhath aig an taigh, ach tha feum a-nise gum bi sinn nas làidire air falbh is gun tog sinn puingean air an rathad," thuirt e.

Thàinig naidheachd na b' fheàrr do Chounty bho na geamaichean eile tron t-seachdain is na trì sgiobaidhean a tha fodhpa san lìog, St Mirren, Hamaltan is Hearts, uile a' call.

Tha na Staggies air ais aig an taigh Disathairne is St Johnstone a' tighinn a dh'Inbhir Pheofharain.