Sealladh air sgudal na mara

Seo cuid den sgudal a thànaig air tìr an Uibhist às dèidh Stoirm Bhrianainn. Image copyright Shona NicDhòmhnaill
Image caption Seo cuid den sgudal a thànaig air tìr an Uibhist às dèidh Stoirm Bhrianainn.

Tha Buidheann Mara na h-Alba airson dealbh coileanta fhaighinn air an t-suidheachadh anns an do dh' fhàg an stoirm cladaichean an taobh siar le na thàinig de fhrac 's de sprùilleach air tìr.

Ghlan grunn dhaoine traighean ann an Uibhist às dèidh stoirm Bhrianainn, ach le gaoth mhòr romhainn airson laithichean fhathast, dh'fhaodadh a cheart uidhir tighinn air tìr a-rithist.

Ged a tha daoine a' cur fàilte air cuid a stuth a tha tighinn leis an làn, mar feamainn a dh'fhaodar a chleachdadh air an fhearainn, tha tòrr stuth ann a nise nach eil math do dhuine sam bith no dhan àireannachd.

Tha Ruaraidh MacGilleBhrath tric mu na cladaichean ann an Uibhist, agus chur na bha e a' faicinn iongnadh air na thànaig de sgudal air tìr.

Image copyright Shona NicDhòmhnaill

Bha esan am measg 60 neach a chruinnich airson an tràigh aig a' Chullaidh ann am Beinn nam Faoghla a sgioblachadh an dèidh teachdairean air na meadhainean sòisealta a' brosnachadh dhaoine a thighinn airson na tràighean a ghlanadh.

Chuir Stòras Uibhist cuideachd a-mach iarrtas airson taic agus thuirt cathraiche Sealladh na Beinne Mòire, Mairi Schmoller gun deach a' chladach aig Aisgearnais, eadar Hàllain is Fròbost a ghlanadh agus gun deach 50 baga tunna a chruinneachadh.

"Feumaidh an riaghaltas agus coimhearnachdan a bhith ag obair còmhla 'son seo a chur ceart", thuirt i.

Cha robh a sin ge-tà ach cuibhreann dhen mhìle tunna de sgudal far tìr Alba, a tha Buidheann Mara na h-Alba, ag ràdh a tha a' dol dhan mhuir gach bliadhna.

Thathar a tomhas gun e sgudal a th' air a cheitheamh air falbh air tìr a th' ann an 80% den phlastaig a th' anns a mhuir mu thimcheal Alba.

Tha Seumas Coogan na oileanach cuan-eòlais aig Comann Saidheans Mara na h-Alba a tha stèidhichte faisg air an Oban 's tha e ag ràdh gu bheil a' ghaoth is àbhaist a bhith againn a' putadh an sgudal a dh'ionnsaidh na h-eileanan agus 's e an sgudal air bàrr nan tonn a tha tighinn air tìr.

Image copyright Shona NicDhòmhnaill

Tha ceist ann a bheil na struthan a tha a' cuairtachadh nan eilean air an taobh an iar nas dualtaiche na tha de sgudal aig muir, a tharraing a-steach chun a' chladaich le gach stoirm, agus mar sin saoil am bith sealladh de thraighean air an garrachadh le frac cumanta 's an àm ri teachd?

A-rèir Buidheann Mara na h-Alba, chan eil fianais ann air an sin fhathast, ach tha iad ag amas air tuigse fhaighinn air leis an obair a tha Comann Saidheans Mara na h-Alba a' dèanamh a' leantainn slighe nan struthan-mara.

Tha e coltach gum bi barrachd iarratas ann airson daoine a bhith a' cruinneachadh agus a' togail sgudail bho na tràighean againn anns na laithean a tha air thoiseach le Stoirm Ciara fhathast a' toirt buaidh.