A' Mharc-Innis an 8mh sgìre as bochda an Alba

Sgìre na Marc-Innse Image copyright Richard Dorrell/Geograph

Chaidh pàirt de sgìre na Marc-Innse ann am baile Inbhir Nis a chlàradh am measg an 10 sgìrean as bochda ann an Alba, a rèir àireamhan oifigeil ùra.

Chaidh an rannsachadh a dhèanamh às leth Chlàr Albannach na Fìor-Bhochdainn, a bhios a' coimhead ri seachd cuspairean gus tomhas co-dhiù tha sgìre ann am bochdainn.

Tha iad a' meas 6,976 "sgìre-dàta" air feadh na h-Alba, a rèir ìrean teachd-a-steach, cosnaidh, slàinte, foghlaim, taigheadais, cothrom air seirbheisean, agus ìrean eucorra.

Fon tomhas a tha seo, tha sgìre an Aiseig, anns a' Mharc-Innis an Inbhir Nis a-niste air an 8mh sgìre as bochd ann an Alba.

Bochdainn

Nuair a chaidh an clàr fhoillseachadh mu dheireadh, ann an 2016, bha an sgìre aig àireamh 35.

Tha an clàr as ùire a' togail gu sònraichte air slàinte nan daoine san sgìre.

'S e a aon sgìre taobh a-muigh taobh siar mheadhan na h-Alba far a bheil "bochdainn daingeann" ri linn cho àrd 's a tha e air nochdadh air a' chlàr bho thòisicheadh e ann an 2004.

Tha dà sgìre eile air Ghàidhealtachd - Inbhir Ghòrdain agus taobh sear Inbhir Ùige - air an clàradh anns an 250 sgìre as miosa dheth a-mach às an 6,976 sgìrean uile gu lèir.

Fhuair an clàr as ùire cuideachd gu bheil ìrean bochdainn san fharsainneachd air a dhol am meud air feadh na Gàidhealtachd agus Mhoireibh thairis air a' cheithir bliadhna mu dheireadh.