Gritter
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Thoir an aire air na grittearan

22 Am Faoilleach 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh iarraidh air draibhearan na h-Alba a bhith mothachail agus faiceallach nuair a tha'd a' draibheadh faisg air grittearan.

Thàinig an rabhadh bho bhuidheann obair glèidhidh nan rathaidean Bear Scotland.

Ged a tha geamhradh nas blàithe air a bhith againn gu ruige seo, tha cothrom ann fhathast gum fàs cùisean nas fhuaire 's nas reòthte 's na seachdainean a tha romhainn.

Chaidh Seonaidh MacCoinnich a thadhal air an ionad aig Bear Scotland ann an Inbhir Nis.