Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 Am Faoilleach 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coronavirus

Thèid riaghaltean ùra a chur an sàs airson feadhainn a tha a' tighinn dhan Rìoghachd Aonaichte à àiteachan far a bheil an galar Coronavirus air a dhol ma sgaoil. Aig Port-adhair Heathrow, coinnichidh oifigich ri plèanaichean a th' air siubhail à sgire Wuhan ann an Sìona far an do nochd am bhìoras an toiseach. Thèid iarraidh air criuthaichean adhair fiosrachadh a thoirt dhaibh ma tha iad an amharas gu bheil gin den luchd-siubhail meadhanach. Tha ùghdarrasan Shìona air dearbhadh gu bheil co-dhiù naoidhnear air bàsachadh leis a' bhioras agus gu bheil còrr is 400 eile air an gannrachadh. Beachdaichidh Buidheann Slàinte na Cruinne an-diugh air am bu chòir suidheachadh èiginneach eadar-nàiseanta a ghairm ann an oidhirp dion a chur air slàinte a' phobaill.

Bàtaichean-aiseig

Toisichidh rannsachadh anns a' Phàrlamaid Albannaich an-diugh fhathast air na duilgheadasan mòra a th' air a bhith an lùib a bhith a' togail bhàtaichean-aiseig ùra do Chaledonian Mac a' Bhruthainn. Chaidh an rannsachadh adhbhrachadh leis an dàil a th' air dà shoitheach a tha gan togail aig Gàrradh MhicFhearghais ann am Port Ghlaschu. Tha iad a-nis còrr air trì bliadhna air dheireadh, agus cosgaidh iad còrr air £100m a bharrachd na bha dùil.

Cìs teicneolais

Thuirt an Seansalair, Sajid Javid, gun lean an Riaghaltas orra le a bhith a' cur cìs ùr air companaidhean teicneolais mòra mar Google, sin a dh'aindeoin molaidhean gum bu chòir aonta eadar-nàiseanta fhaighinn air a' chùis an toiseach. A' bruidhinn aig Fòram Eaconomaiceach na Cruinne ann an Davos, thuirt Rùnaire Roinn Ionmhais nan Stàitean Aonaichte, Tim Mnuchin, gum faodadh gun cuir Washington taraif air càraichean à Breatainn ma pheanasaicheas a' chìs ùr companaidhean Ameireaganach.

Meadhanan sòisealta

Bidh aig meadhanan sòisealta gèamaichean air loidhne agus seirbheisean sruthaidh a tha gan cleachdadh le clann gabhail ri còd prìobhaideachd ùr a chaidh fhoillseachadh le Coimiseanair an Fhiosrachaidh. Tha dòchas ann gun tèid an còd, a dh'fheuchas ri stad a chur air clann a bhith a' faicinn rudan nach eil freagarach dhaibh, a chur an sàs ron fhoghar an ath-bhliadhna.

Tubaist rathaid

Tha poilis ann an Obar Dheathain a' sireadh fhianaisean às dèidh mar a chaidh boireannach aosda a droch ghoirteachadh ann an tubaist rathaid anns a' bhaile an-dè. Tha am boireannach, a tha 91, ann an suidheachadh èiginneach anns an ospadal. Thachair an tubaist nuair a thàinig dà chàr an comhar a chèile air North Anderson Drive mu 1:00f.

Port-adhair

Nì Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean ath-thagradh ann an Cùirt an t-Seisein an-diugh 's iad a' feuchainn ri cur às do bhreith-cùirteach gur ann le croitearan a tha a' chuid-mhòr dhen talamh air an deach port-adhair Steòrnabhaigh a thogail. Cho-dùin Cùirt an Fhearainn an-uiridh nach deach an talamh a thoirt a-mach à croitearachd nuair a chaidh am port-adhair a thogail, agus gur ann le croitearan Mhealaboist agus Bhràigh na h-Aoidhe a tha e.

Tesco Bank

Thèid 120 obraichean ùra a chruthachadh le Tesco Bank ann a Dùn Èideann agus Newcastle. Tha am banca gu bhith a' fastadh luchd-einnseanairidh compiutaireachd, manaidsearan agus eòlaichean gnìomhachais agus IT. Tha dùil gum bi 100 de na dreachdan ùra stèidhichte ann an Dùn Èideann.