Dragh mu phlastaig an coilltearachd

Plastaig Image copyright Philip Halling / Geograph

Tha oidhirp air tòiseachadh lùghdachadh a dhèanamh air na tha de phlastaig a thathas a' cleachdadh ann a bhith a' cur chraobhan.

Bidh na ceudan mhìltean de thiùbaichean beaga plastaig air an cleachdadh gach bliadhna gus craobhan òga a dhìon bho fhèidh agus beathaichean eile.

Tric thèid am fàgail a-muigh nuair a tha na craobhan air fàs nas motha.

Cron

Tha luchd-iomairt air draghan a thogail is iad ag ràdh gu bheil seo a' dol an aghaidh cho cudromach 's a tha cur-chraobhan dhan àrainneachd.

Tha a' bhuidheann Coilltearachd agus Fearann Alba a-nise air innse gu bheil iad fhèin air tòiseachadh air tiùbaichean dìon ùra a chleachdadh, anns nach eil na h-uimhir de phlastaig no a ghabhas ath-chuairteachadh.

Thuirt iad cuideachd gum bi iad a' cur 25 muillean craobh gach bliadhna, is nach eil feum air dìon phlastaig ach ann an 1.6% de chùisean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile