Obair gus tòiseachadh aig Cnoc Soilleir

Cnoc Soilleir Image copyright Ceòlas

Rinn Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, gàirdeachas ris a' naidheachd gum faod am pròiseict airson togallach ùr Ceòlas Uibhist - Cnoc Soilleir - tòiseachadh.

Dhearbh Ceòlas gun tòisich obair air an ionad ùr aca aig Cnoc Soilleir aig deireadh na mìos.

Bidh an t-ionad cultural ann an Dalabrog ag amas air ceòl na Gàidhlig, dannsa agus dualchas na sgìre a bhrosnachadh.

Tha Ceòlas ag obair ann an co-bhanntachd air a' phròiseict le Colaisde a' Chaisteil UHI. Bidh na cùrsaichean ciùil acasan stèidhichte aig an ionad ùr.

"Bheir seo cothroman cosnaidh a dh'Uibhist a Deas agus bidh Gàidhlig air a bhrosnachadh agus air a neartachadh aig iomadh ìre", thuirt Mgr Swinney.

"S e deagh eisimpleir a th'ann de bhuidhnean ag obair còmhla agus leanaidh Riaghaltas na h-Alba orra a cuir taic ris a' phròiseict", thuirt e.

Cùmhnant

Dh'innis Ceòlas gun deach cùmhnant aontachadh le MacInnes Brothers Earranta airson togalach le dà làr a thogail.

Thuirt iad gum bi seòmraichean-teagaisg agus seòmraichean-taice speisealach ann, cho math ri leabharlann agus seòmar tasglainn.

A bharrachd air sin, bidh stiùideo-clàraidh ann le seòmar-stiùiridh na chois.

'S iad Ailtirean John Renshaw a dhealbh an togalach agus thèid a thogail a rèir inbhe Passivhaus, a tha ag amas air cumhachd a chaomhnadh.

Coimhearsnachd

"Tha math fhaicinn a-nis gu bheil tòiseachadh gus a bhith ann air an togallach air an ath sheachdain", thuirt Cathraiche Cnoc Soilleir, Iain Mac a' Mhaoilein.

"Tha an coimhearsnachd an deas meadhainn na tha sinn a' dèanamh aig Cnoc Soilleir.

"Tha mi smaointinn gu bheil na h-Eileanan air fad feumach air brosnachadh agus air togail agus tha sinn an-dòchas gum bidh Cnoc Soilleir na shoillearachadh airson an h-Eileanan air fad", thuirt e.

Tha dùil gum bi an togallach deiseil as t-earrach 2021.

Thuirt Cathraiche Cheòlais, Màiri NicAonghais gun àrdaicheadh Cnoc Soilleir inbhe Cheòlais mar bhuidhean a chuireas ri leasachadh na Gàidhlig ann an Uibhist agus nas fharsainge.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile