Robasdan toilichte

Tadhal Trafford Image copyright SNS
Image caption An tadhal bho Charlie Trafford a chuir ICT troimhe.

'S e deireadh-seachdain an ìre mhath soirbheachail a bh' ann do dh'Iain Robasdan.

Bha manaidsear Chaley Thistle air iarraidh air na cluicheadairean aige adhartas a dhèanamh ann an Cupa na h-Alba an aghaidh Alloa, a dh'aindeoin 's mar a chluicheadh iad.

Rinn iad sin.

Thuirt e an uair sin gun robh e ag iarraidh geama aig an taigh san ath-chuairt agus cothrom air a bhuannachadh.

Le Baile Dhunlèibhe gus tighinn a dh'Inbhir Nis tràth an ath-mhìos, 's e sin a fhuair e.

Faisg

Rinn an Robasdanach moladh an dà chuid air an sgioba aige fhèin agus air Alloa às dèidh a' gheama ann an Siorrachd Clach Mhanainn Disathairne.

Chaidh ICT air thoiseach tràth is Aaron Doran le oidhirp àrd dhan lìon, ach fhreagair Caoimhin O'Hara 'son Alloa is na sgiobaidhean ceangailte 1-1 aig leathach slighe.

Chuir Jordan White Inbhir Nis air thoiseach a-rithist le cheann às dèidh breab-oisein, ach nochd O'Hara uair eile is na sgiobaidhean co-ionnan aig 2-2.

Image copyright SNS
Image caption Bha Jordan White air ICT a chur air thoiseach 2-1.

'S e Charlie Trafford a chuir ICT troimhe anns na mionaidean mu dheireadh, oidhirp eile le cheann às dèidh breab-oisein.

"'S e fìor dheagh gheama a bh' ann is an dà sgioba a' feuchainn ris a' bhall fhaighinn sìos agus ball-coise a chluich", thuirt Iain Robasdan.

"Bha cothroman gu leòr ann is dh'fhaodadh sinn fhin agus Alloa a bhith air dhà no trì eile a chur.

"Bhiodh an luchd-stiùiridh agus an luchd-leantainn ag iarraidh sgioba mhòr san ath-chuairt, geama le glàmar, ach b' fheàrr leam fhin geama aig an taigh is cothrom air a bhuannachadh", thuirt e.

Briseadh-dùil

Bha beachdan gu math eadar-dhealaichte bho cho-mhanaidsear sgioba eile na Gàidhealtachd.

Bha Stiùbhart Kettlewell fiadhaich is Ross County air call 1-0 an aghaidh Ayr United bhon Championship.

Thàinig an tadhal bho Steafan Bell le cheann sa chiad leth is coltas gun robh County fhathast nan cadal is sgiobaidhean na Prìomh Lìog air a bhith nan tàmh anns na seachdainean mu dheireadh.

Image copyright SNS
Image caption Ach bha droch là aig Stiùbhart Kettlewell is Ross County ann an Siorrachd Àir.

"Fhuair sinn an rud air an robh sinn airidh", thuirt Kettlewell.

"Bha gu leòr den bhall againn san dàrna leth ach cha chan mi gun robh còir againn a bhith air cothrom eile fhaighinn.

"Bha sin fada bhon ìre a tha sinn a' sùileachadh", thuirt e, is County a-mach às a' chupa.