Taighean ùra an Steòrnabhagh

HHP

Dh'fhoillsich Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) planaichean airson faisg air 80 dachaigh ùr a thogail air iomall Steòrnabhaigh.

Cosgaidh an leasachadh faisg air Newmarket mu £10m.

Bidh 74 taigh ann uile gu lèir is bidh iad air an togail faisg air leasachadh eile a chaidh a dhèanamh ron seo.

Tha HHP a-nise air cead-dealbhachaidh iarraidh airson na làraich is iad an dòchas gum bi sin aca an ceann dà mhìos.

Tha dùil aca gun toir e mu dhà bhliadhna ge-tà na ceadan uile a tha a dhìth fhaighinn airson an obair a thòiseachadh.

Leasachaidhean

Dh'innis Iain MacÌomhair bho HHP gu bheil iad an dòchas gum bi na taighean fhèin deiseil ann an ceithir no còig bliadhna.

Thuirt e cuideachd gu bheil grunn leasachaidhean eile a' dol aca air feadh nan Eilean Siar an-dràsta.

"Tha sinn a' togail ann an Nis an-dràsta, tha sinn san Rubha, tha sinn shìos ann an Tolastadh, tha sinn a' togail ann am Beinn nam Fadhla, Uibhist a Deas, tha sinn ag obair air sgeama ann an Uibhist a Tuath, is tha sinn a' lorg talamh an-dràsta ann am Barraigh.

"Tha sinn ag obair air feadh nan Eilean is tha a' Chomhairle ag iarraidh gum bi a' chuid as motha de thaighean air an togail air taobh a-muigh Steòrnabhaigh", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile