Luaidh ga dhèanamh air a' Mhorair MacIllFhinnein

Am Morair MacIllFhinnein Image copyright PA Media
Image caption Bha am Morair MacIllFhinnein uair na cheannard eadar-amail den Libearalaich Dheamocractach

Tha luaidh ga dhèanamh air a' Mhorair MacIllFhinnein a bha uair na cheannard air an SDP, agus na bhall-pàrlamaid air a' Ghàidhealtachd fad 35 bliadhna.

Chaochail Raibeart no Bob MacIllFhinnein aig aois 83.

Bha e os cionn an SDP nuair a bha iad a' còmhradh ris na Liberalaich mus deach an dà phàrtaidh còmhla, agus an uairsin na cho-cheannard eadar-amail air na Lib Deamaich.

Rìochdaich e roinn-phàrlamaid Ghallaibh agus Chataibh eadar 1966 agus 1997, agus an uair sin Gallaibh, Cataibh agus Taobh Sear Rois gu 2001.

Thàiris air na bliadhnaichean sheas e airson trì pàrtaidhean eadar-dhealaichte.

'S ann mar bhall den phartaidh Làbarach a thòisich e aig an taghadh ann an 1966, far an do rinn e a' chùis air tagraiche den t-seann phàrtaidh Libearalach le mhòr-chuid de dìreach 64 bhòtaichean.

Cha robh an ath-thaghadh cho faisg ge-tà, agus bhuannaich e anns an sgìre seachd tursan eile.

Ann an 1981 dh'fhàg e na Làbaraich agus chaidh e an sàs anns an SDP a bha air ùr stèidheachadh.

Image copyright PA Media

Ghabh esan thairis air ceannardas a' phàrtaidh nuair a leig Daibhidh Owen seachad a dhreuchd ann an 1987.

B' e Mgr MacIllfhinnein a bha os cionn a' phàrtaidh fad 's a bha iad a' feuchainn ri aonadh a rèiteachadh leis a' phàrtaidh Libearalach aig deireadh nan 1980an.

An uair sin bha e na cho-cheannard eadar-amail den phàrtaidh ùr - na Liberalaich Deamocratach.

Chaidh moraireachd a bhuileachadh air nuair a leig e seachad a dhreuchd ann an 2001.

Rinn ceannard Libearalaich Dheamocractach na h-Alba, Willie Rennie, luaidh air.

"'S e duine-uasal còir agus fiallaidh a bh' ann am Bob," thuirt Mgr Rennie.

"Riochdaich e Cataibh agus Gallaibh agus stèidhich e na Libearalaich Dheamocratach agus bidh tòrr anns a' phàrtaidh agus anns an sgìre sin ga ionndrainn gu mòr."

Rinn ceannard eadar-amail nan Libearalaich Dheamocratach, Sir Ed Davey, luaidh air cuideachd.

"'S e fear còir, onarach, agus gnìomhach a bh' ann," thuirt e.

"Rinn e iomairt fad bliadhnaichean airson Pàrlamaid Albannach a stèidheachadh agus airson atharrachaidhean bun-reachdail eile.

"Agus dh'obraich e gu cruaidh thairis iomadh deichead dha muinntir na Gàidhealtachd".