Plana turasachd airson sgìre Srath Spè de Mhoireibh

Uisge Spè Image copyright Geograph/ Anne Burgess

Bhòt gnìomhachasan turasachd air feadh Srath Spè ann am Moireabh airson plana ùr còig bliadhna, a tha a' gealltainn piseach a thoirt air turasachd anns an sgìre.

Fhuair eaconomaidh Mhoireibh £130m bhon ghnìomhachas an-uiridh, is faisg air 800,000 neach a' tadhal air an sgìre.

Bidh an Sgìre Leasachaidh airson Gnìomhachasan Turasachd - BID - a' faicinn barrachd ghnìomhachasan a' cur airgid gu pròiseactan a chuidicheas iad uile.

Thuirt Laurie Piper bho Thurasachd Srath Spè Mhoireibh: "'S urrainn dhuinn a-nis a h-uile leasachadh turasachd a chur an gnìomh: app ùr, margaidheachd nas fheàrr thall-thairis agus càirdeasan nas fheàrr le gnìomhachasan."

Bha e ag ràdh gun robh an suidheachadh ionmhais aca "dùbhlanach" roimhe, ach leis a' BhID agus am maoineachadh, gum bi cùisean tòrr nas fheàrr airson turasachd anns an sgìre.