Cead-dealbhachaidh airson togalach ùr Urras Oighreachd Ghabhsainn

Gabhsann Image copyright Chris Downer/Geograph

Fhuair Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas cead-dealbhachaidh airson togalaich ùir air làrach na seann oifis aca aig Tom na Bà a chaidh na teine sa Ghearran an-uiridh.

Bidh an t-urras ag iarraidh thairgsean a dh'aithghearr airson na h-obrach agus tha iad air a bhith a' faighinn beachd air dè seòrsa goireasan a bu chòir a bhith anns an togalach ùr.

Thuirt Cathraiche an Urrais, Agnes Rennie: "'S e ceum mòr a th' ann faighinn tron t-siostam dealbhachaidh, gu h-àraid faighinn troimh aig a' chiad ionnsaigh mar a thachair dhuinn an seo - tha e a' ciallachadh gun deach gabhail leis an obair a chaidh a dhèanamh leis an ailtire agus tha e a' ciallachadh gun deach gabhail ris an rud a thathas am beachd a dhèanamh airson togalach ùr a chur air ais air an làraich."

Bha i ag ràdh gum bi an togalach nas motha na am fear a bh' aca.

Thuirt i cuideachd: "Aig an ìre-seo, tha e a' coimhead coltach ris nach e togalach fiodha a bhios ann - chan eil sinn buileach cinnteach fhathast dìreach dè an dòigh a bhios e air a chrìochnachadh - dè seòrsa còmhdach a bhios ann.

"Tha e a' coimhead coltach ris an-dràsta gur e còmhdach meadailte a bhios ann - sin a rèir an àite a dhèanamh dìonach a thaobh teas agus mar sin air adhart.

"Bidh sinn a' dèanamh co-dhùnadh deireannach air an sin anns na dhà no thrì sheachdainean a tha romhainn", thuirt i.