BnG "ag atharrachadh"

Bòrd na Gàidhlig

Gheall Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad a' toirt atharrachaidh air an dòighean obrach an dèidh dhaibh càineadh làidir fhaighinn deireadh na bliadhna an-uiridh bho Àrd-Neach-Sgrùdaidh na h-Alba, agus tuilleadh càinidh Diardaoin aig Comataidh an Sgrùdaidh ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Thog an dà chuid dragh mu chion stiùir agus cion soilleireachd, agus chaidh aon bhall air a' Chomataidh Sgrùdaidh Diardaoin cho fada ri maoidheadh gum bu chòir do bhuill a' Bhùird agus manaidsearan a bhith air an cur às an dreuchdan mura bi adhartas ann.

Mus deach aithisg an Àrd-Neach-Sgrùdaidh fhoillseachadh, bha an luchd-sgrùdaidh neo-eisimeileach Deloitte LLP air coimhead ris a' Bhòrd.

Dh'innis fear de stiùirichean na companaidh sin, Pat Kenny, do Chomataidh Sgrùdaidh an Pàrlamaid Albannaich Diardaoin, gun do chuir na lorg iad iongnadh orra.

"Tubaist Uabhasach"

"A thaobh na chaidh a lorg agus na chaidh a mholadh, chan urrainn dhomh smaoineachadh air aithisg eile a th' air draghan cho mòr a thogail bho thòisich mi san dreuchd seo," thuirt Mgr Kenny.

Tha mu 19 duine ag obair aig Bòrd na Gàidhlig, agus tha buidseat de £5.3m sa bhliadha aca.

Chuir e iongnadh air buill na Comataidh cho mòr 's a tha am bùrach sa bheil a' bhuidheann, leis cho beag 's a tha i.

"Leis an fhìrinn innse, ghabhadh leithid seo de bhuidhinn a ruith le manaidsear aig an dàrna ìre 's iad a' gabhail srùpaig!" thuirt Ailig Neill BPA.

"'S e buidheann bheag a th' ann, ach tha coltas ann gur e tubaist uabhasach a th' ann.

"A bheil am bòrd fhathast ann, a th' air a bhith an urra ri seo?

"A bheil an àrd-sgioba stiùiridh fhathast nan dreuchd?

"Tha coltas ann nach eil iad a' fìrinneachadh na tha iad a' faighinn de thuarastal, agus mar a thuirt thu fhèin, Àrd-Neach-Sgrùdaidh, chan eil am Bòrd a' toirt seachad ceannas èifeachdaich sam bith, 's mar sin tha ceist ann carson a tha iad fhathast ann?", thuirt e.

Chaidh innse don Chomataidh cuideachd gu bheil a' chompanaidh chunntasachd Deloitte LLP cuideachd air a bhith an sàs anns a' phlana gus cruth-atharrachadh a thoirt air a' Bhòrd, agus gun tèid measadh a bharrachd a dhèanamh air an adhartas a thathas a' dèanamh air an ath-mhìos.

Thuirt riochdairean Deloitte cuideachd gun do mhol iadsan taic bhon taobh a-muigh a thoirt a-steach dhan bhuidhinn, ged a tha coltas ann nach deach èisteachd ri sin.

Chuir sin fearg air a' Chomataidh.

Call

"Saoilidh mi gu bheil an obair a bu chòir dhaibh a bhith a' dèanamh riatanach dha-rìribh do chultar agus cànan na dùthcha againn," thuirt Ailig Neill.

"Mar sin tha iad a' leigeil sìos dhaoine gu dona, agus mura tèid aca air cùisean a chur ceart bu chòir dhaibh falbh - gach cuid an Àrd-Sgioba Stiùiridh agus am Bòrd," thuirt e.

Rinn ball Nàiseantach eile air a' Chomataidh, Cailean Beattie, càineadh air co-dhùnaidhean a' Bhùird thuige seo, agus e ag ràdh gur e call a th' ann dha na Gàidheil gu lèir.

"Is coltach gu bheil laigse air choireigin anns cha mhòr a h-uile co-dhùnadh a tha am Bòrd no an Àrd-Sgioba Stiùiridh air gabhail, 's nach do chuir iad ri deagh-ruigh na buidhne seo," thuirt e.

"Tha sin na chall air a h-uile Gàidheal san dùthaich," thuirt e.

Cha robh duine sam bith ri fhaotainn bho Bhòrd na Gàidhlig airson agallamh a dhèanamh air na tha a' tachairt.

Ach chuir iad brath sgrìobhte ma sgaoil sa bheil iad ag ràdh gur e seo an sgrùdadh as mionaidiche a rinneadh air a' bhuidhinn riamh.

Tha Bòrd Stiùiridh Bhòrd na Gàidhig air aithneachadh gum feumar dòighean-obrach ùra a chruthachadh, agus iad air tòiseachadh air prògram atharrachaidh farsainn.

Tha am prògram seo ga chur an gnìomh mar thà le còrr is 60% de na gnìomhan a chaidh a mholadh air an coileanadh taobh a-staigh ceithir mìosan bho fhuaireadh an aithisg, leis an dùil gun tèid an còrr a chrìochnachadh ro dheireadh na bliadhna-ionmhais seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo