Aonadh Feargach mu phlana HIAL

Port-Adhair Bheinn nam Fadhla
Image caption Mar phàirt de na planaichean, thèid an ìre de sheirbheis iùil ann am Beinn nam Fadhla agus Inbhir Ùige a lùghdachadh gu ionadan fiosrachaidh.

Tha na planaichean airson atharrachadh mòr a thoirt air seirbheis iùil nan itealan air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan air ceum air adhart a ghabhail.

Tha companaidh nam port-àdhair, HIAL, air togalach ann an Inbhir Nis a cheannach - New Century House, far a bheil oifisean Courier Inbhir Nis an-dràsta - agus iad an dùil gum bi na seirbheisean iùil aca stèidhichte an siud.

Le New Century House ga chleachdadh mar phrìomh ionad na seirbheis, cleachdar teicneòlas ùr didseatach a thèid a chur am broinn tùir-iùil phort-adhair Steòrnabhaigh, Sumburgh, Chirceabhail agus Dhùn Dè.

A rèir cheannardan HIAL, tha na camarathan seo nas cumhachdaiche agus nas èifeachdaiche na càil a chì luchd-obrach aig na tùir fhèin.

Aig a' cheart àm thèid an ìre de sheirbheis iùil ann am Beinn nam Fadhla agus Inbhir Ùige a lùghdachadh gu ionadan fiosrachaidh.

Prospect

Ach tha an t-aonadh Prospect a tha a' riochdachadh luchd-iùil nam plèanaichean feargach mu na planaichean, 's iad ag ràdh gu bheil seo a' dol a thoirt 60 cosnadh a-mach às na h-eileanan agus £1.5m a-mach à coimhearsnachdan eileanach agus iomallach.

Thug Comhairle nan Eilean Siar slaic air planaichean HIAL is iad ag ràdh gu bheil iad a' sealltainn dìth lèirsinn.

Thuirt ceannard na Comhairle, Ruairidh MacAoidh: "Chan e seo a tha sinn a' sùileachadh bho chompanaidh a bhuineas do Riaghaltas na h-Alba."

Call cosnaidh

Bha Cathraiche Comataidh na Còmhdhail, Ùisdean Robastan, ag ràdh: "Saoilidh tu gu bheil HIAL a' coimhead ri puirt-adhair Steòrnabhaigh is Bheinn nam Fadhla mar uallaichean 's gu bheil iad deònach gu leòr lùghdachadh agus an call cosnaidh a thig na chois fhaicinn - bu choir dhuinn a bhith a' coimhead ri leudachadh."

Thuirt e cuideachd: "Tha mi a' dol a sgrìobhadh chun a' mhinisteir a ràdh gu bheil e an aghaidh phrionnsabalan cumhachdachadh coimhearsnachd agus Achd nan Eilean."

Thog Mgr Robastan draghan mu shàbhailteachd cuideachd, is e ag ràdh gum faodadh droch shìde siostaman is teiceòlas a chur ann an cunnart.

Tha an t-aonadh Prospect cuideachd air draghan a thogail mu shàbhailteachd.