Bord
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rabhadh do Bhòrd na Gàidhlig

16 Am Faoilleach 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bu chòir do bhòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig agus manaidsearan na buidhne aig àrd-ìre a' chur às an dreuchdan mura tèid aca air cruth-atharrachadh a thoirt air a bhuidheann.

Sin a rèir Ailig Neil bhon SNP agus Comataidh Sgrùdaidh Pàrlamaid na h-Alba a' gabhail fianais mu aithisg Neach Sgrùdaidh na h-Alba air dòighean riaghlaidh a bhùird.

Thuirt Bòrd na Gàidhlig ge-tà gu bheil iad ag fhaithneachadh gu feumar dòighean obrach ùra a chruthachadh agus gu bheil iad air tòiseachadh air prògram atharrachaidh farsaing.

Tha an aithris seo aig an fhear-naidheachd phoileataigeach againn, Mìcheal MacNèill.