Fèis Celtic Connections ga tòiseachadh

Pùpaid Image copyright PA Media
Image caption Mar phàirt den fhèis, coisichidh a' phùpaid seo tro shràidean Ghlaschu.

Tòisichidh fèis Celtic Connections ann an Glaschu Diardaoin, le còrr is 300 tachartas a' gabhail àite air feadh a' bhaile.

Tha an fhèis air a bhith a' ruith gach bliadhna airson 27 bliadhna agus tha a h-uile coltas ann gur ann a' fàs a tha an fhèis.

Thairis air 18 là, gabhaidh còrr is 2,000 luchd-cleasachd pàirt innte.

Thòisich cuid de bhuidhnean a tha a' dol fhathast aig tachartasan sònraichte a chuir an fhèis air dòigh, leithid an Grit Orchestra.

Chaidh iadsan a stèidheachadh gus cuimhneachadh air dìleab an fhìr-chiùil chliùitich Màrtainn Bennett nach maireann.

'S iadsan a dh'fhosglas an fhèis oidhche Ardaoin, agus bidh iad a' cluich aig an fhèis uair eile air an 18mh là den Fhaoilleach.

Am-bliadhna tha fiù 's fèis am broinn na fèise a bhios a' comharrachadh nan coimhearsnachdan a tha stèidhichte air cladaichean na dùthcha.

Tha an fhèis Costal Connections na pàirt de Bhliadhna nan Cladaichean is nan Uisgeachan 2020.

Mar phàirt den fhèis ud, a bharrachd air grunn thachartasan, bidh pùpaid 10 meatair de dh'àirde a' coiseachd tro shràidean Ghlaschu.