Casg air cloinn ball a bhualadh len ceann

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Mhìnich Ùisdean MacIllInneinn an casg air Aithris na Maidne

Tha am BBC air ionnsachadh gun tèid casg a chur air cloinn òg ann an Alba bho bhith a' bualadh ball le an ceann ann an trèanadh ball-coise.

Thig seo gu buil an ceann beagan sheachdainean air sgàth an dragh a th' ann gu bheil ceangal eadar ball-coise agus seargadh-inntinne.

Tha dùil gun tèid casg a chur air cloinn fo aois 12 buill a bhualadh le an cinn ann an trèanadh nuair a thèid co-dhùnadh aontachadh aig deireadh na mìos seo.

Thuirt Buidheann Riaghlaidh Ball-Coise na h-Alba gu bheil iad airson dèiligeadh leis a' ghnothach às dèidh do dh'aithisg a ràdh gu bheil seann chuicheadairean ball-coise 3.5 tursan nas dulataiche bàsachadh le seargadh-inntinne.

Chan eil fianais ann aig an ìre seo gur e buillean le an ceann as coireach, ach tha eòlaichean ag ràdh gum bi e ciallach an gearradh air ais.

Leanaidh seo eisiempleir nan Stàitean Aonaichte, a chuir casg coltach ri seo an sàs ann an 2015.