Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 Am Faoilleach 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Flybe

Chuir Rùnaire a' Ghnothachais, Andrea Leadsom, dìon air an riaghaltas a rinn cobhair air a' chompanaidh adhair Flybe a th' air a bhith a' sìor chall airgid. Thuirt i gum b' fhiach Flybe sàbhaladh oir tha a' chompanaidh a' dèanamh cheanglaichean cudromach eadar diofar sgìrean ann am Breatainn. Tha buidhnean àrainneachd a' gearain gun tèid a' chìs APD a ghearradh airson Flybe a chuideachadh agus thuirt Willie Walsh, ceannard na buidhne dham buin British Airways, nach eil anns an aonta ach dìmeas air airgead phoblach.

An atmhorachd

Thuit ìre na h-atmhorachd anns an Dùbhlachd dhan ìre as lugha ann an trì bliadhna, sìos gu 1.3%, bho 1.5% anns an t-Samhain. Cha robh dùil ri sin, 's tha eòlaichean an ionmhais den bheachd a-niste gum faodadh Banca Shasainn an riadh a ghearradh mu choinneimh sin.

COP 26

Tha aonadh ciùird nam poileas an Alba den bheachd gun cosg e mòran a bharrachd na tha dùil co-labhairt COP 26 air atharrachadh na gnàth-aimsire a chumail ann an Glaschu anns an t-Samhain am bliadhna. 'S e na h-uimhir de cheudan millean not an tomhas a th' ann, ach tha Rùnaire Chaidreachas nam Poileas, Calum Steele, ag ràdh gum bi a' chosgais gu math nas motha na sin, stèidhichte air na chosg co-labhairtean eile den aon sheòrsa air feadh an t-saoghail.

Stòras Uibhist

Chaidh an t-uachdaran coimhearsnachd Stòras Uibhist às àicheadh gun do chuir iad cùl ris na h-amasan air an deach an stèidheachadh 's gu bheil iad ag obair an aghaidh am bun-reachd fhèin agus laghan companaidh. Tha Aonghas MacIlleMhaoil, a bha na stiùiriche agus a tha a-niste a' cur bhuaithe àite air a' bhòrd-stiùiridh, ag ràdh gu bheil Stòras Uibhist air dealachadh ris an fheallsanachd air an do stèidhichear iad. Chuir cathraiche na companaidh stiùiridh, Sealladh na Beinne Mòire, Màiri Schmoller, dìon air a' bhuidhinn, agus thuirt i gum bi iad a' cur stòras airgid choimhearsnachd ùir air bhonn mar aon rud anns a' phlana airson na bliadhna seo.

Croitearan is Brexit

Chan eil cus dòchais aig Caidreachas na Croitearachd gun gabh aonta malairt a bhios math dhaibhsan dèanamh leis an Aonadh Eòrpach ro dheireadh na bliadhna seo mar a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an dùil. Thug àrd oifigear a' chaidreachais, Patrick Krause, a bheachd-san air an t-suidheachadh do choinneimh ann am Pàrlamaid na h-Alba an-raoir.