Cùmhnant 'son leasachadh cidhe Loch nam Madadh

Loch nam Madadh Image copyright DesColhounGeog

Tha Comhairle nan Eilean Siar air cùmhnant luach £10.1m a thoirt seachad airson obair-leasachaidh a dhèanamh air cidhe Loch nam Madadh.

Thugadh an cùmhnant dhan chompanaidh einnseanaireachd L&M Keating Ear.

Leanaidh seirbheisean nam bàtaichean aiseig aig CalMac mar as àbhaist fhad 's a tha an obair seo ga dèanamh.

An lùib na h-obrach, bidh aca ris a' chidhe a leudachadh agus a neartachadh, agus cuideachd obair a dhèanamh air grunnd na mara timcheall a' chidhe.

'S e pàirt de phròiseact nas motha a th' ann gus trì puirt a leasachadh - an Tàirbeart, Ùige agus Loch nam Madadh.

Thèid an trì dhiubh a dheasachadh airson bàta-aiseig ùir cuideachd.

Tha Còmhdhail Alba agus a' chompanaidh CMAL ag obair còmhla ris an dà ùghdarras ionadail gus am pròiseact seo a lìbhrigeadh.

Tòisichidh an obair air a' mhìos seo, agus tha dùil gum bi e deiseil as t-Earrach 2021.