Cothrom do lùth-chleasaichean eileanach

Lùth-chleasachd

Thathas ag iarraidh air lùth-chleasaichean anns na h-Eileanan an Iar tagradh a dhèanamh airson cothrom air taic-airgid.

'S iad sportscotland agus Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh, is Comhairle Shealltainn a tha air cùl na sgeama-taice.

Chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 2018 mar sgeama pìleat trì bliadhna.

Tha e air a chur air dòigh gus cuideachadh a thoirt do lùth-chleasaichean eileanach le cosgaisean siubhail gus am bi cothrom aca air farpais is goireasan trèanaidh air Tìr-Mòr.

Tha àite ann airson ochdnar às gach sgìre comhairle is an fheadhainn a shoirbheachas uile a' faighinn £1,500.

Dùbhlain

"Tha fios againn gu bheil dùbhlain shònraichte ann airson lùth-chleasaichean ann an eileanan is tha sinn fìor thoiliche a bhith ag obair leis na comhairlean eileanach gus taic a chumail riutha," thuirt Àrd-Stiùriche sportscotland, Stiùbhart Harris.

'S iad na comhairlean fhèin a nì co-dhùnadh air cò gheibh taic air a' cheann thall, is thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil dùil aca gum bi fèill mhòr air cothrom-taice.

"Tha an sgeama seo air a bhith soirbheachail dha-rìribh a thaobh taic a chumail ri lùth-chleasaichean aig àrd-ìre," thuirt Cathraiche Comataidh Spòrs Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas MacCarmaig.

"Tha sinn air ar misneachadh le mar a chaidh dha thuige seo, is tha mi an dùil gum bi gu leòr airson feuchainn air an turas seo a-rithist," thuirt e.

Faodar tagradh a dhèanamh an seo.

Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro 5:00f Dihaoine an 14mh den Ghearran.

Tuilleadh air an sgeulachd seo