Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 Am Faoilleach 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ioran

Thuirt am Prìomhaire nach robh adhbhar sam bith aig na Stàitean Aonaichte innse ro làimh do Bhreatainn mun phlana 'son cur às dhan t-Seanalair Ioràinianach, Qasem Soleimani. Ach thuirt Boris Johnson ann an agallamh leis a' BhBC sa mhadainn an-diugh gum feum plana a dh'obraicheas a bhith ann 'son stad a chur air Ioran bho armachd niuclasach a thogail.

Flybe

Thuirt am Prìomhaire cuideachd gu bheil an Riaghaltas ag obair gu cruaidh 'son a' chompanaidh adhair Flybe a shàbhaladh. Tha ministearan an Riaghaltais a' coinneachadh agus iad a' deasbad am bu chòir a' chìs APD a ghearradh air na seirbheisean adhair gu lèir an taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte 'son cobhair a dhèanamh air a' chompanaidh. Thuirt Mgr Johnson gu bheil Flybe a' ruith sheirbheisean a tha cudromach, ach gu bheil crìochan air na 's urrainn dhaibh a dhèanamh 'son a' chompanaidh a shàbhaladh.

Extinction Rebellion

Tha luchd-iomairt Extinction Rebellion air cruinneachadh taobh a-muigh companaidh ionmhais ann an Dùn Èideann agus iad a' togail fianais an aghaidh connaidh fosail. Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil a' chompanaidh Baillie Gifford ag àrdachadh na tha Riaghaltas na h-Alba a' cur an tasgadh de stòras peinnsein anns a' chompanaidh ola Shell a' dh'aindeoin 's gun do bhòt luchd-poileataigs an-uiridh 'son poileasaidhean a chuireadh stad air Atharrachadh na Gnàth-Shìde.

Drabastachd chloinne

Thuirt aithisg mu dhrabastachd an aghaidh chloinne ann am Manchester gun do thachair e gu follaiseach agus nach do chuir na Poilis no na h-ùghdarrasan ionadail dìon air an fheadhainn a dh'fhulaing. Thàinig eòlaiche cùram chloinne agus fear a bha na àrd-oifigear poilis dhan cho-dhùnadh nach robh airgead no luchd-obrach gu leòr aig an rannsachadh mun dòigh anns an do gabh fir, a' mhòr-chuid dhiubh Àisianach, brath air nighnean òga. Thuirt an aithisg gun tug dragh a bh' air na Poilis gun dèanadh iad dì-meas air cinneadh, buaidh mhòr air an dòigh san do làimhsich iad a' chùis.

Droch Shìde

Tha droch shìde a' toirt buaidh air sgìrean san iar-thuath agus anns na h-eileanan an-diugh a-rithist. Tha sgoiltean Uibhist 's Bharraigh air fad dùinte 's tha mòran de na seirbheisean aiseig dheth. Tha cabhsair Èirisgeigh agus an rathad ris a' chladach aig Poll nan Crann air taobh siar Bheinn nam Fadhla dùinte. Ann an Leòdhas, tha Rathad a Bhràighe fosgailte a-rithist.

CMAL

Thuirt ceannard CMAL, a' chompanaidh a tha os cionn bhàtaichean agus phort-aiseig gur e dòighean-obrach Ghàrradh MhicFhearghais as coireach ris an dàil agus a' chosgais mhòir leis an dà bhàta ùr do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn. Ach chaidh Kevin Hobbs, a bha a' bruidhinn ris a' BhBC, an aghaidh beachd gum bu chòir stad a thogail an dà bhàta sin agus tòiseachadh air feadhainn ùra nan àite.