Barrachd sùbhailteachd ga iarraidh a thaobh airgid
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Barrachd sùbailteachd ga iarraidh a thaobh airgid

14 Am Faoilleach 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

A rèir Ceannard Buidseat Comhairle na Gàidhealtachd, bu chòir barrachd sùbailteachd a bhith aig comhairlean air mar a chosgas iad an t-airgead a tha iad a' faighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Bha Alasdair MacFhionghain a' bruidhinn agus Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail, COSLA, air billean not a bharrachd iarraidh bhon Riaghaltas dha na comhairlean.

Thuirt Mgr MacFhionghain cuideachd nach eil a' Chomhairle a' dol a choimhead air cìs pàircidh aig àiteachan-obrach airson airgead a thogail, ach gum biodh iad airson cìs na comhairle a chur an àrda.

Bhruidhinn e ris an fhear-naidheachd againn Ruairidh MacÌomhair.