Dragh mun mhathan-koala an Astràilia
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mun khoala an Astràilia

14 Am Faoilleach 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha rabhadh às ùr a' tighinn à Astràilia gu bheil an koala dha-rìribh a-nis an cunnart a dhol à bith, no air a' char as fheàrr nach bi air fhàgail ach glè bheag dhiubh.

Tha na teintean uabhasach anns an dùthaich an-dràsta air an truaighe cheart a chur orra.

Tha na mìltean koala air losgadh gu bàs. Agus tha sin a' cur ri fearg dhaoine an aghaidh an Riaghaltais is beachd ann nach eil iad a' làimhseachadh staing nan teintean ceart.

Tha an suidheachadh air am Prìomhaire Scott Moireasdan fhèin fhàgail ann an cunnart - cunnart gun caill e a dhreuchd.

Fhuair sinn mìneachadh air a' ghnothach bho Chiorstaidh NicIlleathain ann am Brisbane.