Stòras Uibhist 'adhartach nan amasan'

Oifis Stòras Uibhist

Chaidh Stòras Uibhist as àicheadh beachd seann chathraiche na buidhne, Aonghas MacIlleMhaoil, a thuirt nach robh iad 'adhartach nan amasan'.

Thuirt cathraiche Sealladh na Beinne Mòire, Màiri Schmoller, gu bheil iad a' sireadh luchd-obrach a bharrachd agus ag amas air pròiseactan ùra a tha a' coileanadh amasan na buidhne.

Thuirt Àrd-oifigear na buidhne, Darren Mac an Tàilleir, gum bi iad a' cur a-steach tancaichean connaidh aig caladh Ghàsaigh ann an Loch Baghasdal.

"Bidh na tancaichean ùra a' toirt dhuinn cothrom connadh a-reic, seirbheis nas fheàrr a thoirt seachad agus airgead a thoirt a-steach" thuirt e.

Thuirt e gun cosg iad barrachd airgid air raon goilf Àisgearnais agus gum fosgail iad an stòras coimhearsnachd aca a-rithist.

Fosglaidh an stòras sin as t-earrach, le trì diofar roinnean ann.

Thuirt Màiri Schmoller gu bheil croitearachd aig cridhe Stòrais, agus gu bheil i toilichte gun tèid airgead a chosg a bhith a' cur taic ris a' choimhearsnachd sin.

Chàin Aonghas MacIlleMhaoil an t-slighe a tha a' bhuidheann a' gabhail nuair a leig e seachad àite air a' bhòrd-stiùiridh Diluain.

Thuirt e nach eil a' bhuidheann tuilleadh a' leantainn nan amasan a bh' aca nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 2006.

Bha àimhreit eadar Mgr MacIlleMhaoil agus a' bhuidheann roimhe, a ràinig Cùirt an t-Seisein an-uiridh.