Sgoilearan air an sgèith gu cuirm Dìleab

Cuirm Dìleab Image copyright CNES

Le droch shìde a' toirt buaidh air aiseagan, tha Loganair air clann às na h-Eileanan an Iar a sgèith a Ghlaschu airson cuirm Dìleab: Air a' Chuan aig Celtic Connections.

Tha 70 sgoilear an lùib na cuirme oidhche Haoine agus bha iomagain air Comhairle nan Eilean Siar gum biodh trioblaidean aca faighinn ann.

Bhruidhinn iad ris a' chompanaidh adhair Loganair, agus dh'aontaich iadsan dà sheirbheis a chur air dòigh - tè à Steòrnabhagh agus tè à Beinn nam Fadhla airson a' chlann a thoirt a Ghlaschu.

Tha a' chlann a-niste air Glaschu a ruighinn.

Taic

Bidh na sgoilearan air an àrd-ùrlar le Willie Caimbeul agus a chòmhlan, Ceitlin Lillidh agus Pàdruig Moireasdain le Còmhlan Pìoba Sgoil Lionacleit, Còisir Sir E Scott às na Hearadh, seinneadairean is luchd-ciuil à sgoil Bhàgh a' Chaisteil agus Àrd-Sgoil MhicNeacail, a bharrachd air luchd-ciùil eile leithid Iain 'Costello' MacÌomhair agu Niall MacIain.

Thuirt tè-labhairt Loganair, Kay Ryan, "Tha sinn fìor thoilichte gun urrainn dhuinn cuideachadh ann a bhith a' toirt na cloinne a Ghlaschu.

"Tha fios againn air cho cudromach 's a tha a' chuirm seo dhaibh às dèidh na h-obrach mòire a rinn iad agus tha sinn an dòchas gum bi deagh thuras aca aig Celtic Connections'.

Thuirt Stiùiriche a' phròiseict Dìleab, Rhona NicIain, gun robh e daonnan gu bhith na dhùbhlan feuchainn ri 70 sgoilear agus luchd-obrach fhaighinn a Ghlaschu san Fhaoilleach gu h-àridh leis an t-seòrsa aimsire a tha sinn tric a' faighinn aig an àm seo den bhliadhna.

"Tha sinn fada an comainn Loganair airson a' chuideachaidh a tha iad a' toirt dhuinn, 's tha sinn cuideachd airson taing a thoirt do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn a tha a' toirt taic-airgid dhaibh airson na slighe air ais air na h-aiseagean aca.

Chìthear a' chuirm aig Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu 7:30f Dihaoine 17mh Faoilleach.