Droch aimsir a' leantainn

Stoirm

Tha droch aimsir a' leantainn sa cheann a tuath Dimàirt agus rabhaidhean buidhe an sàs.

Ged a tha cùisean air socrachadh, tha rabhadh buidhe ann fhathast Dimàirt a thaobh na gaoithe air a' chosta an iar, is rabhadh buidhe eile air tìr-mòr na Gàidhealtachd a thaobh sneachda is deighe.

Gheibhear am fiosrachadh às ùire mu na rabhaidhean sin an seo.

Sgaoil cuideachd Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba sreath de rabhaidhean mu thuiltean.

Sgoiltean

Tha an aimsir a' fàgail gu bheil a h-uile sgoil ann an Uibhist is Barraigh dùinte Dimàirt.

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gun robh iad air an ceum seo a ghabhail is busaichean sgoile anns na h-Eileanan mu Dheas dheth.

Image caption Bha buaidh na stoirme ri fhaicinn air Cabhsair Èirisgeigh.

Bha Cabhsair Èirisgeigh dùinte madain dimàirt le sprùilleadh bhon stoirm air feadh an rathaid.

Rinneadh sgeadachadh air an rathad, agu tha aon slighe fosgailte.

Tha sgoiltean ann an Leòdhas is na Hearadh fosgailte, ach tha an co-dhùnadh mu dheireadh ga fhàgail aig ceannardan sgoile.

Image caption Tha tuiltean a' toirt buaidh ann an Steòrnabhagh madainn Dimàirt.

Bidh a' Chomhairle a' sgaoileadh an fhiosrachaidh as ùire air na meadhanan sòisealta agus an seo.

Tha an droch shìde is làn àrd a' toirt buaidh air na h-uimhir de rathaidean anns na h-Eileanan an Iar.

Tha na Poilis anns na h-Eileanan an Iar a' sgaoileadh an fhiosrachaidh às ùr mu na rathaidean.

Aiseagan

Mar a bhiodh dùil, tha buaidh air seirbheisean aiseig is gheibhear am fiosrachadh bho ChalMac.

A dh'aindeoin cho àrd 's a bha a' ghaoth anns na h-Eileanan Diluain, thathas a' tuigsinn aig an ìre seo nach deach milleadh ro mhòr a dhèanamh.

Tìr mòr

Ann am Bàideanach tha Àrd-Sgoil Chinn a' Ghiuthsaich dùinte Dimàirt ri linn na h-aimsire.

Tha an rathad aig Bàgh na Comraich air a mhilleadh gu dona leis a' mhuir air tighinn tarsaing air.

Faodar Bealach na Bà a chleachdadh ach le cùram.

Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Bàgh na Comraich.