Seann chathraiche a' càineadh Stòras Uibhist

Aonghas MacIlleMhaoil
Image caption Sgaoil Mgr MacIlleMaoil litir Diluain a' càineadh Stòras Uibhist.

Rinn seann chathraiche Stòras Uibhist càineadh air stiùirichean na buidhne agus e a' leigeil seachad an àite aige air a' bhòrd-stiùiridh.

Dh'innis Mgr Aonghas MacIlleMhaoil Diluain gum biodh e a' fàgail bòrd Sealladh na Beinne Mòire, a' chompanaidh a tha os cionn Stòras Uibhist.

Tha e ag ràdh nach eil a' chompanaidh coimhearsnachd tuilleadh a' leantainn nan amasan a bh' aca nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 2006.

Bha àimhreit air a bhith ann eadar Mgr MacIlleMhaoil agus a' bhuidheann ron seo, a ràinig ìre Cùirt an t-Seisein an-uiridh.

Ann an litir a sgaoil e Diluain thuirt e gum biodh mì-chinnt ann mu àm ri teachd Stòras Uibhist, às aonais atharrachaidhean ann an stiùireadh na buidhne.

Thuirt e nach robh planaichean-leasachaidh eaconomach sam bith aca an-dràsta, nach robh am bòrd-stiùiridh a' leantainn riaghailtean na companaidh, agus gun robh iomadh turas ann nach robh iad air aire a thoirt do laghan companaidh.

'S e uachdaran coimhearsnachd airson Oighreachd Uibhist a Deas a th' ann an Stòras Uibhist.

Tha seo a' gabhail a-steach Èirisgeigh, Uibhist a Deas agus pàirtean de Bhenn nam Fadhla cuideachd.

Bidh iad cuideachd a' planadh agus a' cur an gnìomh phròiseactan leasachaidh air an oighreachd.

Chaidh Stòras Uibhist as aidhcheadh na thuirt Mgr MacIlleMhaoil.

Thuirt cathraiche ùr Sealladh na Beinne Mòire, Màiri Schmoller gu bheil iad a' sireadh luchd-obrach a bharrachd agus ag amas air proiseactan ùra a tha a co-lionnadh amasan na buidhne.