Sgioba teasairginn a' càineadh fhir-coiseachd

Sgioba Teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh, air eacarsaich thrèanaidh Image copyright Cairngorm MRT
Image caption Thuirt an sgioba gur e rud neo-àbhaisteach a th' ann dhaibh càineadh a dhèanamh air duine a dh'iarras cobhair orra.

Rinn Sgioba Teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh càineadh air fear-coiseachd air am b' fheudar dhaibh cobhair a dhèanamh ann an "aimsir dhùbhlannach dha-rìribh".

Dh'iarradh air an sgioba a dhol a-mach air Beinn Eallair anns an stoirm a bh' ann oidhche Mhàirt.

Bha an duine ann an duilgheadas air ceum eadar Loidse Beinn Eallair agus Taigh Beinn Eallair.

Cha b' urrainn do heileacoptair nam Maor-Cladaich an cuideachadh ri linn cho garbh 's a bha an aimsir.

Mar sin dheth, thàinig air an sgioba a dhol ann air chois, le taic bho Sgioba Teasairginn Thaobh Tatha.

A' sgrìobhadh air na meadhanan sòisealta, thuirt iad gun do choisich iad còrr air 16 mìle, 's gun do lorg iad an duine le caraidean ann am bothan, 's e air foltag a ghoirteachadh.

Thuirt iad gur ainneamh dha-rìribh a nì iad càineadh air duine a dh'iarras cobhair orra, ach gur e mì-chleachdadh a bh' ann de ghoireasan na sgioba.