"Gàrradh MhicFhearghais as coireach" - CMAL

Gàrradh MhicFhearghais Image copyright Getty Images
Image caption Tha cùmhnant airson dà bhàt-aiseig ùr a thogail do ChalMac bliadhnaichean air dheireadh, 's chaidh an gàrradh a chur fo shealbh na Stàite

Thuirt ceannard CMAL, a' chompanaidh a tha os cionn bhàtaichean-aiseig Chaledonain Mhic a' Bhriuthainn, gur e dòighean obrach Ghàrradh MhicFhearghais as coireach ris an dàil agus a' chosgais mhòr leis an dà bhàta ùr a tha gan togail.

Cosgaidh an dà shoitheach còrr air £100m a bharrachd air na bha dùil, agus bidh dà bhliadhna gu leth eile ann mus bi an tè 'son na slighe eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh deiseil.

Mus deach an gàrradh a thoirt fo shealbh na Stàite, bha am fear-gnothachais Jim MacColla leis an robh e a' gearain gun do dh'iarr CMAL cus atharrachaidhean an dèidh dhan obair tòiseachadh.

"Cha deach na h-atharrachaidhean sin a chur an gnìomh," thuirt ceannard CMAL, Kevin Hobbs.

Obair-dealbhachaidh

"Cuimhnich gur e cùmhnant "dealbh is togail" a tha seo. Cha b' e sinne a dhealbh an soitheach, agus cha sinne a tha ga togail.

"Is sinne a' phàrtaidh a tha a' toirt a' chùmhnant seachad, 's bha dùil againn gum biodh na soithichean deiseil a rèir a' chlàr-ama 's a rèir na prìse.

"Cha do thachair sin," thuirt e.

Ghabh Mgr Hobbs ris ge-tà, gun deach atharrachaidhean iarraidh fhad 's a bha an obair-togail ga dèanamh.

"Chaidh, gun teagamh. Tha coinneamhan seachdainneil is mìosail ann, far an robh sinn a' toirt an aire do mhearachdan a rinneadh.

"Bha iad a' togail mus robh na planaichean deiseil, agus gu mì-fhortannach cha robh iad deònach èisteachd.

"Tha eòlas mòr, farsainn againn sa bhuidhinn againn, agus sinn an urra ri maoin Riaghaltas na h-Alba a thaobh gach cuid soithichean agus bun-structair nam port.

"Tha na daoine againne le teisteanas. Bidh sinn gam fastadh bhon roinn phrìobhaidich.

"Chan e seirbheisich chatharra gun aodan a th' annainn. Chan e luchd-obrach coitcheann a th' annainn - 's e speisealaich a th' annainn," thuirt e.

Tha Mgr Hobbs ag ràdh nach robh e idir glic no ceart don ghàrradh a bhith a' togail nam bàtaichean mus robh an obair-dealbhachaidh crìochnaichte.

Thuirt e gun do thog e gearain gach cuid leis a' ghàrradh fhèin agus le Riaghaltas na h-Alba cho luath 's a chunnaic a' bhuidheann dè nam beachdsan a bha a' dol ceàrr.

Thuirt e ge-tà, na bheachdsan, gun robh e gu math follaiseach nach robh ceannardan MhicFhearghais idir airson èisteachd.

Dà Chonnadh

Thuirt Jim MacColla nach robh na h-einnseanan air an dà shoitheach àbhaisteach - a' cleachdadh Diesel agus Gas Nadarra Leannach (LNG) - 's gun do chuir sin ris na duilgheadasan a th' ann, 's a thug air na cosgaisean fàs gu mòr.

Chaidh CMAL gu tur às àicheadh sin ge-tà.

"Chan e dealbhachadh ùr a tha seo. Chan e teicneòlas ùr a th' ann," thuirt Mgr Hobbs.

"Seadh, b' fheudar dhaibh an soitheach a dhealbh, agus gu dearbha 's e dealbhachadh sònraichte a th' ann.

"Fhuair sinn sia tairgsean freagarrach bho shia gàrraidhean aithnichte, agus thuirt iad uile gun deadh aca air an soitheach a thogail mar a bha sinn ga h-iarraidh.

"B' e Gàradh MhicFhearghais a thagh sinn, agus dh'fhaillich orra," thuirt e.

Co-dhùnaidhean Ceàrr

Thuirt ceannard Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gur iad co-dhùnaidhean gach cuid CMAL agus Riaghaltas na h-Alba a tha fo cheist.

"An duilgheadas a th' aig a' Chomhairle, 's tha sinn air sin a dhèanamh gu math soilleir o chionn bhliadhnaichean, 's e gun deach na co-dhùnaidhean ceàrr a dhèanamh a thaobh nan aiseagan," thuirt e.

"Bha sinne a' putadh airson dà aiseag airson an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul - an aon rud airson na slighe eadar an Tairbeart, Ùige 's Loch nam Madadh, gun deadh dà aiseag, caran nas lugha coltach ris an Hebrides a thogail

"Aiseag cho sgoinneil 's a th' air a bhith air an lìonra riamh.

"Mar sin, tha mi a' smaoineachadh gum feumte chan e a-mhàin coimhead ri dè chaidh ceàrr aig Gàrradh MhicFhearghais, ach dè na co-dhùnaidhean a chaidh a dhèanamh le CMAL, CalMac agus Còmhdhail Alba," thuirt e.