Ceistean mu sgeama thaigheadais

Seann taigh Image copyright Duncan Gray / Geograph

Tha e air tighinn am bàrr gu bheil taighean anns na h-Eileanan an Iar a bha falamh is a fhuair taic tro sgeama leasachaidh a-nis rim faighinn mar thaighean airson saor-làithean.

Bidh Riaghaltas na h-Alba a' toirt seachad taic-airgid gus taighean a tha bàn a sgeadachadh is a chur gu feum às ùr, is gainnead thaighean ann air feadh na dùthcha.

Chaidh oifigear fhastadh anns na h-Eileanan an Iar ann an 2018 gus a bhith os cionn na cùise is fhuair Murchadh MacLeòid duais airson cho soirbheachail 's a bha e bhon uairsin, is còrr is 60 taigh air an leasachadh.

Ach a rèir aithisg bhon Chomhairle, tha a' mhòr-chuid de dhaoine a fhuair taic air roghnachadh na taighean a chur a-mach air màl tro làraichean leithid Airbnb.

Stiùireadh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum bi iadsan a' toirt seachad comhairle phragtaigich do dhaoine air mar as urrainn dhaibh togalaichean a tha falamh a sgeadachadh às ùr, is far am faigh iad taic 'son sin a dhèanamh.

Dh'innis fear-labhairt bhon ùghdarras gu bheil iad mothachail gu bheil taighean a chaidh a leasachadh a-nise gan tabhainn do luchd-turais.

Thuirt e gum b' fheàrr leis a' Chomhairle gum biodh na taighean a' dol gu daoine a tha a' fuireach anns na h-Eileanan an Iar fad na bliadhna.

Mhìnich e ge-tà, gur e co-dhùnadh a tha sin dhan fheadhainn leis a bheil na taighean is nach urrainn dhan Chomhairle gnothach a ghabhail ris.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile