Poilis a' sireadh fios ùir mu thubaist-rathaid Chataibh

Rhona NicPhàrlain Image copyright Teaghlach Rhona NicPhàrlain
Image caption Chaochail Rhona NicPhàrlain, 67, aig làrach na tubaiste air an A836.

Dh'iarr na Poilis fiosrachadh às ùr mu thubaist-rathaid mhairbhtich a bh' ann an Cataibh anns an Dùbhlachd 2019.

Chaochail Rhona NicPhàrlain, 67, nuair a bhuail càr Toyota Auris dearg innte air rathad an A836, eadar Àird Gaoithe agus Drochaid a' Bhanna.

Tha na Poilis airson bruidhinn ri dràibhear càr ghil, 's dòcha Volkswagen Golf, a bha a' dol a dh'ionnsaigh Àird Gaoithe, eadar 4:25f agus 4:40f Diluain 23mh Dùbhlachd.

Tha iad cuideachd airson cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil fiolm dashcam agus a bha anns an sgìre aig àm na tubaiste.