Dùil ri tuiltean an Loch Abar

Sanas mu thuiltean Image copyright Getty Images

Tha dùil ri tuiltean mu na cladaichean ann an cuid de sgìrean de Loch Abar oidhche Luain, agus Stoirm Brianain air a bhith a' toirt buaidh air costa an iar na Gàidhealtachd aig a' cheart àm 's a tha an làn àrd.

Choinnich oifigich Comhairle na Gàidhealtachd ri buidhnean eile airson ullachadh ro na tuiltean.

Tha rabhadh buidhe an sàs aig Oifis na Sìde ri linn gaoith mhòir ris a bheil dùil, agus tha SEPA air rabhaidhean tuile a sgaoileadh airson a' Ghearasdain, a' Chorpaich agus Caol a' Ghearasdain.

Tha dùil gum bi an t-uisge 1.2 meatar nas àirde na àirde an làin mu 8:00f.

Bidh a' Chomhairle a' cur a-mach phocannan gainnmhich agus gheataichean tuile aig na togalaichean as motha a th' ann an cunnart.

Tha a' Chomhairle, NHS na Gàidhealtachd agus Buidheann na Croise Deirge ag ullachadh phlanaichean cùraim fo an tèid ionad faochaidh a chur air dòigh dhaibhsan a tha a' cur feum air.