Dragh gum mill an A9 Coille Chnagaidh

An t-slighe a thathas a' moladh Image copyright Transport Scotland
Image caption Fo na planaichean dheadh an rathad a dhèanamh nas leatha tro làrach a' bhlàir.

Thèid draghan a thogail Diluain mu phlanaichean rathad a thogail tro làrach eachdraidheil ann an Siorrachd Pheairt.

Aig sgrùdadh ionadail, cuiridh luchd-iomairt an aghaidh nam planaichean airson làrach aig Coille Chnagaidh a chladhach mar phàirt de phròiseact luach £3bn gus an A9 a dhèanamh dùbailte fad na slighe eadar Peairt agus Inbhir Nis.

Tha dùil gun crìochnaich a' phròiseact gus 80 mìle den A9 a dhèanamh dùbailte ron bhliadhna 2025.

Image caption Tha an rathad a th' ann an-dràsta a' gearradh tarsainn air an àraich mar thà.

Mar phàirt dheth sin tha 14 mìle eadar Coille Chnagaidh agus Gleann Garradh.

Bidh pàirt den rathad ùr a' ruith tro làrach Bhlàr Choille Chnagaidh, far an robh na Seumasaich a' sabaid an aghaidh feachdan an Riaghaltais air 27mh an t-Iuchar 1689.

Tha luchd-iomairt airson na plannaichean atharrachadh ag argamaid gu bheil e a' milleadh làraich eachdraidheil.

Thuirt Còmhdail Alba gu bheil iad a' tuigsinn cho luachmhor 's a tha an làrach agus gu bheil iad ag èisteachd ris a' choimhearsnachd.

Tòisichidh sgrùdadh poblach iondail ann am Baile Chloichridh Diluain.