Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 Am Faoilleach 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Droch Aimsir

Tha rabhadh aig Oifis na Sìde air gèile eadar seo is meadhan-oidhche do mhòran den chosta an iar agus an ceann a tuath. Tha dùil ris a' chuid as miosa de Stoirm Bhrianain feasgar le gaoith cho mòr ri 80 m.s.u. aig amannan anns an iar-thuath agus anns na h-eileanan. Tha sgoiltean nan Eilean Siar uile dùinte an-diugh, 's tha seirbheisean aiseig agus bus dheth. Ann an Leòdhas bha rathad a' Bhràighe dùinte aig làn àrd sa mhadainn, 's tha dùil gun dùin e a-rithist a-nochd le làn àrd aig 9:00f.

Stomont

Tha am Prìomhaire Boris Johnson 's an Taoiseach Leo Varadkar ann an Stormont an-diugh a' coinneachadh ri ministearan an Riaghaltais an sin. Chaidh fèin-riaghladh a stèidheachadh às ùr ann an Èirinn a Tuath Disathairne trì bliadhna an dèidh a dhol ma sgaoil. Tha dùil gun tèid Mgr Johnson a cheasnachadh mun airgead a bharrachd a gheall e do dh'Èirinn a Tuath. Dhiùlt Arlene Foster, Prìomh Mhinistear Èireann a Tuath agus ceannard an DUP, innse dè seòrsa suim airgid a tha iad ag iarraidh.

Am Pàrtaidh Làbarach

Tha gu 2:30f an-diugh aig tagraichean tighinn air adhart airson ceannas a' Phàrtaidh Làbaraich. 'S ann aig ceathrar an-dràsta a tha taic gu leòr airson seasamh - Sir Keir Starmer, Rebecca Long-Bailey, Jess Phillips, agus Lisa Nandy.

An Teaghlach Rìoghail

Tha am Prionnsa Harry a' coinneachadh ris a' Bhànrighinn agus ri feadhainn eile anns an Teaghlach Rìoghail aig Sandringham an-diugh a dheasbad a shuidheachadh fhèin 's a bhean Meghan. Seo a' chiad uair a bhios am Prionnsa Teàrlach 's am Prionnsa Uilleam air coinneachadh ris a' Phrionnsa Harry bho leig e fhèin agus a bhean fhaicinn an t-seachdain seo chaidh gu bheil iad a' seasamh air ais bhon dleastanas Rìoghail.

CalMac

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun cùm iad an t-ionad fiosrachaidh fòna aca ann an Steòrnabhagh fosgailte an dèidh sgeama phìleat a bha soirbheachail. Tha a' chompanaidh ag ràdh gum bi iad air chothrom mar sin tuilleadh fiosrachaidh a thoirt seachad tro mheadhan na Gàidhlig, 's gu h-àraid air na meadhan sòisealta. Tha sianar ag obair anns an ionad a dh'fhosgail ann an Steòrnabhagh air an t-Samhradh an-uiridh.