Pìleat le HIV a' cur an aghaidh stiogma

James Bushe
Image caption Bha James Bushe air iarraidh a dhol na phìleat o bha e na bhalach.

Dh'innis duine air a bheil HIV 's dhan deach innse nach fhaodadh e trèanadh fhaighinn mar phìleat choimearsalta, cò e, an dèidh dha a thargaid a choileanadh.

Bha James Bushe air a bhith ag iarraidh ainm a chumail dìomhair roimhe, 's e air an t-ainm "Pilot Anthony" a chleachdadh air Twitter airson sgrìobhadh mun t-strì aige a dhol na phìleat.

Tha e a-nis na phìleat aig Loganair, agus bha a' chiad turas aige eadar Glaschu agus Steòrnabhagh air an deireadh sheachdain seo.

Chaidh cead a dhiùltadh dha James, 31, trèanadh fhaighinn seach nach fhaigheadh e teisteanas meadaigeach.

Riaghailtean

Ach tha Ùghdarras an Itealaich Shìobhalta (CAA) a-niste air cur às dhan riaghladh sin.

Tha James air a bhith a' sgèith ri taobh chaipteanan trèanaidh Loganair bhon t-Samhain, ach tha e a-niste air an trèanadh aige a chrìochnachadh, 's e a-niste le teisteanas na h-itealain Embraer 145 aig Loganair a sgèith a-mach à Glaschu.

Tha sin a' fàgail gur e a' chiad phìleat ùr san Roinn Eòrpa air a bheil HIV.

B' e an tuigse a bh' aig an CAA roimhe air riaghailtean Eòrpach gum faodadh pìleatan aig an robh teisteanasan mar thà cumail orra a' sgèith nam faigheadh iad HIV, nam faigheadh iad teisteanas meadaigeach.

Ach a rèir na tuigse sin, chan fhaodadh duine air an robh HIV mar thà teisteanas fhaighinn airson trèanadh a thòiseachadh.

Chaidh James, a bhuineas do Stoke-on-Trent, an aghaidh an CAA, 's bhuannaich e.

Tha a' bhuidheann a-niste air na riaghailtean atharrachadh, gus nach diùltar teisteanas meadaigeach do dhaoine le HIV.

An àite sin, gheibh daoine le HIV teisteanas a leigeas leotha sgèith - ach ann an suidheachaidhean far a bheil barrachd is aon phìleat an a-mhàin.

Thuirt a' bhuidheann gur e sin uile 's a dh'fhaodadh iad a dhèanamh gus an toireadh Buidheann Eòrpach Sàbhailteachd na h-Itealaich atharrachadh air na riaghailtean acasan.

Fhuair James cead pìleat phrìobhaidich nuair a bha e 17 - mus d' fhuair e cead-dràibhidh. Chaidh HIV a dhearbhadh ann o chionn còig bliadhna.

Tha e air a bhith ag iarraidh a dhol na phìleat o bha e na bhalach bheag, 's thòisich e a' sgèith aig aois 15.

Ghabh e uabhas nuair a fhuair e a-mach nach fhaodadh e trèanadh ri linn HIV a bhith air.

Leth-bhreith

"'S e miann a tha seo a bh' agam fad mo bheatha, agus bha e dìreach uabhasach a chluinntinn nach robh e a' dol a thachairt," thuirt e.

An dèidh 18 mìosan de thrèanadh, thuirt James gun robh e a' faireachdainn iongantach a bhith na phìleat mu dheireadh thall.

"Tha an toileachas a bha mi a' faighinnn o bhith a' sgèith nuair a thòisich mi an trèanadh air fàs nas motha an-diugh, gu h-àraid ri linn na buaidhe a thug mi a-mach," thuirt e.

Cha b' e co-dhùnadh furasta a bh' ann dha "tighinn a-mach" mar phìleat air a bheil HIV.

B' e na thug misneachd dha a dhèanamh, mar a dh'innis an t-seann chluicheadair rugbaidh Chuimreach, Gareth Thomas, gun robh HIV air as t-Samhradh an-uiridh.

Thuirt James gun robh e a' faireachdainn gun robh a bhith a' cleachdadh ainm fuadain air Twitter a' cur ris an stiogma a tha a' cuairteachadh dhaoine a tha a' tighinn beò le HIV.

"'S ann mar mi fhèin a tha mi a' dèanamh seo an-diugh, oir tha mi airson cur an aghaidh an stiogma sin," thuirt e.

"Chan ann mu mo dhèidhinn-sa a tha seo a-mhàin. 'S ann mu dhèidhinn duine sam bith a tha beò le HIV 's a tha ag iarraidh a dhol nam pìleat. Tha mi airson teachdaireachd a chur a-mach gum faod iad sin a dhèanamh.

"'S e an teachdaireachd agam do dhuine sam bhith a tha beò le HIV 's a tha mu choinneimh leth-bhreith - cuiribh na aghaidh, agus 's urrainn dhuibh buannachadh."

Tha leasachaidhean ann an dòighean lèigheis a' fàgail gum faod dùil a bhith aig daoine air a bheil am bhìoras a bhith beò cha mhòr cho fada ri duine sam bith eile.

Tha James ag ràdh nach ionnan a bhith beò le HIV an-diugh agus mar a bha e sna 1980an 's na 1990an.

"Cha bu chòir do HIV bacadh a chur air duine o bhith a' coileanadh am mianna," thuirt e.