Rabhadh agus stoirm a' teannadh air Alba

Rabhadh Gaoithe

Tha dùil ri gaoith cho mòr ri 80 m.s.u. anns na h-Eileanan an Iar Diluain agus gèiltean an lùib Stoirm Bhrianain gu bhith a' gluasad air feadh na dùthcha bhon iar.

Tha rabhaidhean buidhe an sàs bho Oifis na Sìde airson sgìrean mu na costaichean air a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan an Iar.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air na sgoiltean aca air fad a dhùnadh.

Chaidh na seirbheisean bus uile anns na h-eileanan cuideachd a chur dheth.

Thug a' Chomhairle rabhadh seachad gur dòcha gum bi na cabhsairean ann an Uibhist dùinte Dimàirt leis an làn àrd.

Tha bùithdean cuideachd air dùnadh ri linn na h-aimsire.

Tha ionad an dotair ann an Grìminis am Beinn nam Fadhla a' dùnadh aig 1:00f.

Tha Banca Bhìdh Uibhist is Bharraigh dùinte ri linn na h-aimsire, le dùil gum fosgail e a-rithist Dimàirt, eadar 10:00m agus 2:00f.

Bidh am Bràighe ann an Leòdhas dùinte nuair a tha an làn àrd - aig 08:23m airson ùine, agus a-rithist mu 9:00f.

Tha na seibheisean aiseig anns na h-eileanan cha mhòr air fad air an cur dheth cuideachd. Bu chòir coimhead air làrach-lìn ChalMac.

Thug tuiltean buaidh air seirbheisean reile na Gàidhealtachd thairis air an deireadh sheachdain eadar an Aghaidh Mhòr is Ceann a' Ghiùthsaich.

Chaidh Drochaid Mhuaigh faisg air Bruach Màiri cuideachd a dhùnadh air sgàth tuile.

Rinn bàta teasairginn an Òbain cobhair air bàta bathair còrr air 1,000 tunna a bh' ann an duilgheadasan ann an droch ghèiltean Disathairne.