Fiolm ùr mu sheirbheis do dhaoine òga gun dachaigh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fiolm ùr mu sheirbheis do dhaoine òga gun dachaigh

13 Am Faoilleach 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

An-uiridh, rinn 750 inbheach òg ann an Glaschu tagradh airson àite-fuirich èiginnich.

Mar thoradh air sin, tha an carthannas Simon Community air fiolm a chruthachadh a' foillseachadh na seirbheis Nightstop aca, a tha a' tabhann àiteachan-còmhnaidh eadar-amail do dhaoine òga eadar 16 agus 25.

Chaidh am fiolm a thaisbeanadh airson na ciad uaireach do sgoilearan aig Acadamaidh Naomh Mungain, agus bha am fear-nàidheachd againn Niall Bartlett an làthair.