Comhairlean a' sireadh tuilleadh airgid bhon riaghaltas

Obair nan comhairlean
Image caption Tha ùghdarrasan ionadail ag ràdh gu bheil na rathaidean agus seirbheisean eile a leithid leabhar-lainn air fulaing gu mòr ri linn ghearraidhean thairis air na bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Dh'iarr ùghdarrasan ionadail na h-Alba na milleanan notaichean a bharrachd gus dèiligeadh ri geàrraidhean ann an seirbheisean poblach.

Thuirt am buidhean a tha gan riochdachadh, Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail, COSLA, gu feum an Riaghaltas maoineachadh ceart a thoirt do chomhairlean na dùthcha neo gun tèid iad à bith.

Thuirt Riaghatlas na h-Alba gun do chur iad corr is £11bn dhan darna taobh airson ùghdarrasan ionadail na h-Alba an-uiridh.

Tha sin agus gearradh a' tighinn anns an t-suim airgid a tha iad a' faighinn bho Riaghaltas Westminster, tha iad ag ràdh.

Ach dh'iarr COSLA £1bn a bharrachd bhon Riaghaltas.

Gearraidhean

Thuirt iad gum fàgadh sin gum b' urrainn do chomhairlean na dùthcha airgead a chur a dh'ionnsaigh sheirbheisean agus dèiligeadh ris na gearraidhean a bh' aca ri dhèanamh thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad.

Tha ùghdarrasan ionadail ag ràdh gu bheil na rathaidean agus seirbheisean eile a leithid leabhar-lainn air fulaing gu mòr.

Tha iad an-dràsda a' feitheamh feuch dè an t-suim airgid a gheibh iad bhon Riaghaltas.

Dh'fhaodadh gum bi iad a' feitheamh greis mhath fhathast agus Riaghatlas Westminster air innse gun stèidhich iad am buidseat aca air 11mh dhen Mhàrt.