Fianais ann an Toirbheartain gur dòcha gun robh linn-deighe eile ann

Beanntan Thoirbheartain Image copyright Professor Adrian Hartley
Image caption Chaidh an fhianais a lorg ann an creagan ann an Toirbheartan

Tha creag-eòlaichean ag ràdh gu bheil sgrùdadh a rinn iad air na creagan ann an Toirbheartan air sealltainn dhaibh gum faodadh gun robh atharrachadh sa ghnàth-shìde bho chionn 1,800 millean bliadhna.

Gu ruige seo cha robh fianais ann gun robh seo air tachairt san ùine eadar 1,800 agus 800 millean bliadhna air ais, agus 's e sin as coireach gur e an "Linn Dòrainneach" a chanadh creag-eòlaichean rithe.

Ach fhuair an rannsachadh a rinn luchd-saidheans bho Oilthigh Obair Dheathain fianais de sprùilleach a thàinig bho chreagan-deighe a bha a' leaghadh ann an lochan ann an Toirbheartan.

Tha iad a' creidsinn gu bheil seo a' ciallachadh gum faodadh gun robh linn-deighe eile ann a bharrachd air an fheadhainn eile a bh' ann ann an eachdraidh na Cruinne-Cè.

Image copyright Professor Adrian Hartley

'S e an t-Oll. Adrian Hartley a bha an ceann na h-obrach le co-obraichean bho Sgoil a' Chreag-Eòlais aig Oilthigh Obair Dheathain.

"Tha beachd ann nach do thachair mòran air a' phlanaid ann am meadhan aoisean na Cruinne-Cè.

"Tron "Linn Dòrainneach", mar a th' againn oirre, bha a' ghnàth-shìde measarra agus cha tàinig atharrachadh air. Cha robh creatairean ann ach sna cuantan, cha robh càil idir a' fàs neo tighinn beò air an talamh agus cha robh na h-uimhir de dh'ogsaidean ann.

"Gu ruige seo, cha robh fianais ann gun do dh'atharraich a' ghnàth-shìde, ach fhuair an rannsachadh againn gun robh deigh air uachdar na talmhainn aig an àm seo.

Image copyright Professor Adrian Hartley

"Dh'ionnsaich sinn seo le bhith a' dèanamh dheuchainnean air eabar bho na lochan a tha na billeanan bhliadhnaichean de dh'aois, agus tha sin ag innse dhuinn far an tàinig clachan beaga far chreagan-deighe nuair a bha iad a' leaghadh a' fàgail làraichean air grunn nan lochan agus a' toirt cruth-atharrachaidh air fillidhean eile de pholl nas sine.

"'S e a' chiad fhianais a fhuaireadh san t-saoghal air fad gun robh eigheachadh ann aig an àm seo sa Chruinne-Cè - a' dearbhadh nach robh an linn seo buileach cho dòrainneach agus a bha sinn a' smaoineachadh."