Leabhar ùr mu iomairt sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann
- Published
Tha leabhar ùr ag innse na sgeulachd mun iomairt airson sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann.
Sgrìobh an Dtr Tim Armstrong an leabhar, air a bheil "Às na Freumhan: Eachdraidh air Iomairt na Sgoileadh Gàidhlig ann an Dùn Èideann 1998-2011".
Bha an Dtr Armstrong airson sgrìobhadh mu dheidhinn seo leis gur e daoine àbhaisteach an àite bhuidhnean oifigeil a bha an sàs anns an iomairt - rudeigin a tha fagail a' chuspair buileach inntinneach na bheachd.
"Nuair a bhios sinn a' smaoinnicheadh air ath-beòthachadh na Gàidhlig bidh sinn a' smaoinneachadh gu math tric air an riaghaltas, is air Bòrd na Gàidhlig agus na buidhnean mòra mar sin," thuirt e.
"Tha e a-rèiste furasta taobh an riaghaltais den sgeulachd a lorg, ach tha e mòran nas dorra taobh na daoine àbhaisteach a bha an sàs ann fhaighinn.
"Bha mi ag iarraidh an taobh sin den sgeulachd innse.
Tha an Dtr Armstrong air nobhailean a sgrìobhadh roimhe, nam measg a' chiad nobhail sci-fi sa Ghàidhlig, "Air Cuan Dubh Drillseach".
Ged nach e uirsgeul a th' anns an leabhar seo, dh'fheuch e ri sgrìobhadh ann an dòigh a bhiodh tarraingeach.
"Chan e eachdraidh sgoileireil a th' ann, 's e seòrsa de dh'eachdraidh shòisealta a th' ann.
"Bha mi ag iarraidh cluinntinn bho na h-iomairtichean fhèin agus faighneachd ciamar a bha iad a' cumail a' dol agus ciamar a bha iad a' dèiligeadh ri comhairle a bha cho nàimhdeil aig amannan."
Tha an leabhar ag innse sgeòil an dà iomairt oifigeil, a' chiad tè a dh'fhailing, eadar 1998 agus 2001, agus an dàrna tè, a shoirbhich, eadar 2009 agus 2011.
Ach aig a' cheann thall shoirbhich leotha agus dh'fhosgail Bun-sgoil Taobh na Pàirce ann an 2013.
Thagh e iomairt na sgoile ann an Dùn Èideann gu sònraichte air sailleibh gu robh e cho inntinneach.
"Mhair e cho fada agus bha e aig amannan cho sradagach cuideachd.
"'S e daoine àbhaisteach a rinn strì anns na bàiltean agus anns na coimhearsnachdan airson na Gàidhlig, 's e sin an rud a nì an diofair as motha.
"Tha mi ag iarraidh gum biodh an leabhar feumail do thidsearan, do phàrantan agus do luchd-iomairt ann an dioffair àiteachan de dh' Alba.
An-diugh thathas a' bruidhinn mu dheidhinn dàrna bun-sgoil agus àrd-sgoil Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, adhartas a bhiodh gu math duilich fhaicinn ann an 1998.
Thèid an leabhar dhan chlò-bhualadair ann am beagan làithean, agus thèid fhoillseachadh le Clò Ostaig ann am meadhan a' Ghearrain am-bliadhna.